"Taghadh" a thaobh fiosrachaidh chroitearachd

Croitear
Image caption Tha dragh ann mu na riaghailtean ùra, agus gu leòr air a ràdh gun diùlt iad fiosrachadh a thoirt seachad.

Tha neach-gairm Choimisean na Croitearachd air a bhith a' feuchainn ri soillearachadh a dhèanamh air mar a dh'fhaodadh comataidhean-baile dèiligeadh ri riaghailtean ùra air a bhith a' clàradh mar a tha an talamh ga chleachdadh.

Fo na riaghailtean, a tha mar phàirt de dh'Achd Ath-leasachaidh na Croitearachd, feumaid comataidhean agus clàrcan aithisgean ullachadh air mar a tha talamh àitich nam bailtean ga chur gu feum, agus mu chroitearan nach eil a' cleachdadh an cuid fearainn, no a tha a' briseadh riaghailtean co-cheangailte ris an gabhaltas-fearainn.

Tha coltas ann gum bi mòran chomataidhean agus clàrcan a' diùltadh am fiosrachadh a thoirt seachad.

Tha dragh ann nach adhbharaich na riaghailtean ach daoine a bhith a' brath air an nàbannan.

Thuirt Susan Walker, ge-tà, gum faod na comataidhean iad fhèin taghadh a dhèanamh air an fhiosrachadh a bheir iad seachad, mar dhòigh air trioblaidean san sgìre a thogail.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile