Ceistean mu dhàil air càbal dealain

An Griod Nàiseanta
Image caption Tha an càbal riatanach airson leasachaidhean ath-nuadhachail sna h-Eileanan Siar.

Tha BPA nan Eilean Siar, Alasdair Allan, ag iarraidh gun innis a' chompanaidh dealain SSE carson a tha dàil air a' chàbal dealain mhòr eadar na h-Eileanan agus Tìr Mòr.

Tha SSE air a ràdh gur e prìs a' chàbail fhèin agus prìs nan goireasan a bhiodh a dhìth air tìr is coireach ri mar a tha cosgais a' phròiseict agus an dàil a th' air air dhol am meud.

Thuirt Mgr Allan, ge-tà, gur e briseadh dùil a bha seo, agus beachd ann gu bheil an càbal cho cudromach a thaobh cumhachd ath-nuadhachail anns an sgìre.

Tha an càbal fon mhuir a dhìth airson dealan bho sgeamaichean ath-nuadhachail anns na h-Eileanan Siar a chur gu Tìr Mòr airson a sgaoileadh air a' Ghriod Nàiseanta.

Thathas a' coimhead ri cumhachd ath-nuadhachail mar bhun-stèidh do dh'eaconamaidh nas seasmhaiche anns na h-Eileanan Siar, agus cha ghabh sin a thoirt gu buil às aonais a' chàbail.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile