Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

6 An t-Samhain 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Drabastachd Cloinne

Bheir Rùnaire na Dùthcha, Theresa May, fiosrachadh do Bhuill-Phàrlamaid an-diugh mu phlana airson rannsachadh as ùr mu chasaidean drabastachd cloinne aig dachaigh chùraim ann an ceann a tuath na Cuimrigh anns na 70an. Dh'iarr am Prìomhaire, Dàibhidh Camshron, ath-sgrùdadh air a' chiad rannsachadh a bh' ann, an dèidh do chasaidean tighinn am follais o chionn ghoirid gun robh cuideigin aig àrd-ìre phoileataicich ri linn Thatcher, an lùib na cùise.

Taghadh nan Stàitean Aonaichte

Tha sluagh nan Stàitean Aonaichte a' bhòtadh an-diugh airson cinn-suidhe airson an ath cheithir bliadhna. Tha cunntasan-beachd a' cur Barak Obama beagan air thoiseach air a' Phoblachdach Mitt Romney ann an naoi de na stàitean as motha a dh'fhaodadh buaidh a thoirt air an taghadh.

Figearan Marbhaidh

Bha 84 marbhadh ann an Alba air a' bhliadhna suas dhan Mhàrt. Tha na figearan a' sealltainn lùghdachaidh de 11% air a' bhliadhna ron a sin, agus cuideachd an àireamh as ìsle bho chionn 10 bliadhna. Bha sgian an lùib còrr is leth de na cùisean sin, agus mar a bha ann am bliadhnaichean eile, fir òga an sàs anns a' chuid as motha dhiubh cuideachd.

Scalpaigh

Cluinnidh muinntir Scalpaigh a-nochd an do bhòt iad airson smachd a ghabhail air an eilean iad fhèin an dèidh dhan uachdaran innse dhaibh gu bheil e deònach am fearann a thoirt dhaibh an asgaidh. Bha baileat aca far an deach faighneachd an robh iad airson an t-eilean a chumail aca fhèin, no a dhol còmhla ri Urras Cheann a Tuath na Hearadh, mar phàirt den bhuidhinn sin.

Stèiseanan Peatroil

Dh'innis Scottish Fuels dha na stèiseanan peatroil anns na h-Eileanan an Iar gu bheil iad deònach an saoradh bho na cùmhnantan a th' aca leotha. Bheireadh sin cead dha na stèiseanan peatrol is diesel nas saoire a cheannach bho chompanaidhean eile airson a reic an uair sin iad fhèin aig prìs nas lugha, mar a rinn stèisean connaidh air a' Bhac ann an Leòdhas bho chionn ghoirid.