Modal ùr slàinte air Ghàidhealtachd

Carbad-eiridinn
Image caption Tha nas lugha de dhotairean-teaghlaich deònach obair a ghabhail ann an sgìrean dùthchail.

Thèid sgeama pìleat fheuchainn le NHS na Gàidhealtachd ann an oidhirp modal slàinte ùr a leasachadh do sgìrean dùthchail air feadh na h-Alba.

Tha draghan air a bhith ag èirigh mu cho doirbh 's a tha e dotairean fhastadh agus cùram a thoirt seachad taobh a-muigh uairean obrach àbhaisteach.

Chan eil uidhir de dhotairean ann san là a th' ann a tha deònach obair a ghabhail ann an sgìrean dùthchail.

Tha an suidheachadh air fàs cho doirbh, 's gun tàinig air muinntir Dhiùra, mar eisimpleir, iomairt shanasachd a dhèanamh iad fhèin gus dotair a thàladh chun an eilein.

Tha dragh cuideachd air a bhith ann an àiteachan leithid Àird nam Murchan, le dìth seirbheis slàinte taobh a-muigh nan uairean obrach àbhaisteach, leis gu bheil barrachd dhotairean agus nursaichean ao-deònach leithid de dh'uairean obrachadh.

Tha ceannardan an NHS air Ghàidhealtachd ag ràdh nach fhada a sheasas am modal slàinte a th' ann an-dràsta.

Tha iad an dòchas gun gabh modal ùr leasachadh bhon sgeama phìleat a bhios iad a-nis a' ruith ann an sgìrean air Ghàidhealtachd.

Chan eileas air co-dhùnadh aig an ìre seo na thèid fheuchainn anns na sgeama phìleat, ach tha cuid de dhotairean-teaghlaich air a ràdh gu bheil dòchas aca gum bi leithid de sgeama fosgailte ri beachdan radaigeach.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile