Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

8 An t-Samhain 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

An t-Arm Territorial

Dh'fhoillsich Rùnaire an Dìon, Philip Hammond, planaichean airson àite nas motha do shaighdearan pàirt-ùine ann am feachdan na dùthcha. Tha an riaghaltas am beachd meud an airm "territorial" a dhùbhlachadh, agus ainmeachadh as ùr mar Army Reserves. Bidh àrdachadh cuideachd san àireamh bhall pàirt-ùine sa Chabhlach Rìoghail, agus Feachd an adhair - ach 20,000 saighdear nas lugha san arm àbhaisteach.

Sìona

Thuirt an Ceann-suidhe ann an Sìona, Hu Jintao, gu bheil cunnart ann gun tuit riaghladh a' Phàrtaidh Chomunnaich às a chèile mur a cuir iad smachd air coirbteachd agus foill. Bha e a' bruidhinn aig cruinneachadh ann am Beijing, far a bheil am Pàrtaidh Comunnach a' taghadh cheannardan ùra na dùthcha sin airson an ath dheich bliadhna.

Obama

Thill an Ceann-suidhe Obama gu ruige Washington an dèidh a thaghadh as ùr, agus còmhraidhean mu bhuidseat na dùthcha a' feitheamh air. Tha na Poblachdaich, aig a bheil smachd air Taigh nan Riochdairean, a' diùltadh plana a' Chinn-suidhe airson cìs nas àirde air teachd a-steach nan daoine as motha a tha a' cosnadh.

EIS

Tha an t-aonadh tidsear as motha an Alba, an EIS, ag iarraidh cothromachaidh nàiseanta a thaobh na h-ùine a bu chòir do chloinn ann am foghlam fo aois-sgoile a bhith a' cur seachad còmhla ri tidsear le làn-theisteanas. Tha aithisg bho Riaghaltas na h-Alba a chaidh fhoillseachadh an-diugh ag ràdh gu bheil eadar-dhealachadh mòr anns an ìre sin de dh'fhoghlam ann an diofar sgìrean.

Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig

Tha Comhairle na Gàidhealtachd a' faighinn soillearachaidh bho Bhòrd na Gàidhlig an-diugh air an leasachadh a tha a dhìth ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig. Thug Buidheann Buileachaidh na Gàidhlig aig a' Chomhairle cuireadh don Bhòrd Plana Nàiseanta na Gàidhlig a shoillearachadh dhaibh, agus gu sònraichte an targaid airson cur ri àireamh na cloinne ma tha a' Ghàidhlig gu bhith buan.

Càbal fon Mhuir

Tha Scottish and Southern Energy a' cumail a-mach gur ann anns na beagan mhìosan mu dheireadh a thuig iad fhèin gum biodh cosgaisean a' chàbail dealain eadar na h-Eileanan an Iar is Tìr Mòr fada nas àirde na bha dùil. Dh'innis SSE cuideachd gun toir iad fiosrachadh mionaideach seachad air carson a dh'èirich cosgais na sgeama cho mòr aon uair 's gum bi am fiosrachadh sin aca fhèin air fad.