SSE a' gealltainn obraichean ionadail
- Air fhoillseachadh
Thuirt a' chompanaidh chumhachd Scottish and Southern (SSE) gun cruthaich iad dreuchdan do dhaoine òga agus gun toir iad obair do dhaoine a tha a' fuireach ann an coimhearsnachdan faisg air far a bheil pròiseactan aca anns an amharc air a' Ghàidhealtachd 's anns na h-Eileanan.
Tha na h-amasan mar phàirt de chom-pàirteachas eadar iad fhèin agus Oilthigh na Gàidhealtachd 's nan Eilean (UHI).
Thuirt SSE agus UHI gun toir a leithid spionnadh do choimhearsnachdan leithid Gallaibh, Cataibh agus a' Ghleann Mhòr.
Tha an com-pàirteachas a' gabhail a-steach sgeama ùr ciùird.
Tha a' chompanaidh ag amas air sgeama mòr hydro luach £800m a thogail ann an Loch Abar, agus càbal fon mhuir eadar na h-Eileanan Siar agus Tìr Mòr airson dealan bho sgeamaichean ath-nuadhachail a ghiùlain chun a' Ghriod Nàiseanta.