Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

9 An t-Samhain 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Am Morair McAlpine

Chaidh am morair Tòraidheach, am Morair McAlpine, às àicheadh gun robh gnothach sam bith aige ri drabastachd chloinne. Thuirt e ann am fiosrachadh a chuir e a-mach beagan na bu tràithe an-diugh, nach eil sna h-aithrisean mu dheidhinn ach breugan agus dìmeas air. Bha am Morair McAlpine na ionmhasair air a' Phàrtaidh Thòraidheach ri linn Màiread Thatcher. Bha e a' freagairt chasaidean ann am prògram Newsnight aig a' BhBC oidhche Haoine seo chaidh anns an tuirt fear Steve Meesham, gun tug duine ionnsaigh dhrabasta air-san, nuair a bha e ann an dachaigh chloinne ann an Wrexham.

Philip Schofield

Chaidh gearain ri riaghladair a' chraolaidh, Ofcom, an dèidh dhan phreasantair telebhisein aig ITV, Philip Schofield, liosta le ainm dhaoine a dh'fhaodadh a rèir aithris a bhith ri drabastachd chloinne, a shìneadh dhan Phrìomhaire, Dàibhidh Camshron, air prògram telebhisean a bha ga chraoladh beò. Chruinnich Mgr Schofield na h-ainmean bho fhathannan a th' air an eadar-lìon. Thàinig air-san maitheanas iarraidh leis gun do nochd ainm dhaoine aig a bheil a rèir choltais ceanglaichean ris a' Phàrtaidh Thòraidheach air an sgrìon airson ùine ghoirid.

HSBC

Tha am banca as motha ann am Breatainn, HSBC, fo rannsachadh aig oifigich chuspainn agus cìse mu chasaidean gun robh cuid de luchd-cleachdaidh a' bhanca a' seachnadh chìsean. Chaidh fiosrachadh a thoirt gu aire luchd-sgrùdaidh mu 4,000 cunntas banca HSBC a tha stèidhichte ann an Jersey. Thuirt HSBC gu bheil am banca fhèin a' rannsachadh mar a chaidh fiosrachadh mu luchd-cleachdaidh a dhìth orra.

Ceist an Referendum

Thig dearbhadh bho riaghaltas na h-Alba an-diugh air cruth na ceiste a bhios ann an referendum air neo-eisimeileachd. Tha iad a' cumail ris an dreach a chaidh fhoillseachadh mar thà, sin: "A bheil thu ag aontachadh gum bu chòir do dh'Alba a bhith na dùthaich neo-eisimeilich." Nì Coimisean an Taghaidh sgrùdadh air na dearbh bhriathran sin mus tèid an dreach mu dheireadh ann am bile a thèid gu Pàrlamaid na h-Alba as t-Earrach.

Ùlpan

Dh'èirich buaireadh eadar Comhairle na Gàidhealtachd 's a' chompanaidh a tha a' ruith an t-siostaim ionnsachaidh Ghàidhlig, Ùlpan. Tha a' Chomhairle a' fàgail air Deiseal Eta. gu bheil iad a' cur chosgaisean gun reusan air daoine airson a bhith a' cleachdadh Ùlpan. Tha comhairlichean a' diùltadh an ainm a chur ri cùmhnant ùr aig an ìre seo, ach tha Bòrd na Gàidhlig am measg na tha an sàs ann an còmhraidhean airson aonta eadar an dà thaobh.