Aonta air fàire a thaobh Patton
- Published
Tha dòchas ann gun tèid aonta a ruighinn ro Dhimàirt mu chùmhnant airson obair-leasachaidh aig Caisteal Leòdhais.
Chaidh a' phrìomh chompanaidh a bha an sàs anns an obair, Patton, ann an rianachd.
Bha cùmhnant aig Patton, às Èirinn a Tuath, luach £2m airson obair a dhèanamh air Caisteal Leòdhais.
Bha a' chompanaidh Niall MacAoidh Eta air fo-chùmhnant fhaighinn bho Phatton, agus tha iad a' feitheamh air mu £400,000 bhuapa.
Bha 15 duine aig companaidh MhicAoidh ann an cunnart an obraichean a chall Dihaoine, ach chaidh an cumail airson seachdain eile gus am bi e nas soilleire dè tha a' dol a thachairt leis an obair.
Bidh aig Comhairle nan Eilean Siar ri co-dhùnadh a bheil iad a' dol a-mach gu tairgse às ùr - no am bu chòir dhaibh coimhead a-rithist ris a' chiad liosta de thairgsean.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Published
- 9 An t-Samhain 2012
- Published
- 7 An t-Samhain 2012