Duais bhann-leathainn don Chomraich
- Published
Dh'fhaodadh buannachdan mòra a bhith an cois seirbheis bhann-leathainn adhartaich do choimhearsnachd bhig air taobh siar Rois.
Dh'innis Riaghaltas na h-Alba gum faigh a' Chomraich buannachd à stòras luach £5m airson seirbheis nas fhèarr a thoirt do choimhearsnachdan iomallach.
Bha iad am measg sia àiteachan a shoirbhich.
"Tha mi a' smaointinn gum faigh sinn an t-uabhas de bhuannachdan às an sgeama a tha seo," thuirt Gòrdan Camshron, a tha a' fuireach 's ag obair air a' Chomraich.
Eaconamaidh
"Tha mi a' smaoineachadh cuideachd gu bheil e a' sealltainn do choimhearsnachdan eile air Ghàidhealtachd agus ann an sgìrean iomallach ma tha comas agaibh rudeigin a dhèanamh air do cheann fhèin, tha buidhnean maoineachaidh 's dòcha rud beag nas deònaiche airgead agus taic a thoirt dhuibh.
"Tha bann-leathann againn an-dràsta, ach tha e gu math slaodach. Far a bheil mise ag obair tha e aig 0.5 Mb.
"Leis an sgeama a tha seo, fhuair sinne aig an ionad dualchais air a' Chomraich cothrom air a' bhann-leathann ùr, agus bha e fada fada nas luaithe, còrr is 6 MB.
"Tha sin a' dèanamh diofair mhòir. Tha e a' ciallachadh, fiù 's anns an dachaigh, gun urrainn do dhaoine rudan mar Youtube agus iPlayer a chleachdadh.
"Tha seo a' toirt cothrom do dhaoine 's dòcha gnìomhachasan beaga a chur air dòigh a dh'fhaodadh iad a ruith bhon taigh.
"Cuideachd do luchd-turais, tha e caran doirbh uaireannan dhaibhsan fiosrachadh fhaighinn mu na rudan a tha a' dol air a' Chomraich," thuirt e.
Tha bann-leathann air taobh sear na Gàidhealtachd, timcheall Inbhir Nis, mu 6 Mb.
Tha Colbhasa cuideachd am measg nan sgìrean a gheibh buannachd às an sgeama.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Published
- 14 An t-Samhain 2012