BBC Naidheachdan

Comhairle air sgrìobhadh gu Ofgem

Published
image captionTha dàil air tighinn air a' phròiseact, a tha riatanach airson cumhachd ath-nuadhachail às na h-Eileanan a chur ris a' Ghriod Nàiseanta.
Sgrìobh Comhairle nan Eilean Siar gu riaghladair a' chumhachd, Ofgem, ag iarraidh mìneachaidh air ciamar a dh'èirich prìs a' chàbail-dealain, eadar na h-Eileanan is Tìr Mòr bho £400m gu £700m.
Tha an t-ùghdarras ionadail cuideachd a' faighneachd ciamar as urrainn do chompanaidhean ann an dùthchannan Eòrpach eile an aon sheòrsa cheanglaichean a dhèanamh air leth na prìse sin.
Thuirt Fear-gairm na Comhairle, Tormod Dòmhnallach, gu bheil a' mhaill agus a' mhì-chinnt a tha an cois a' chàbail a' togail ceist an tèid leasachaidhean cumhachd ath-nuadhachail air adhart.
"Tha sinne dòchasach fhathast gun tèid na pròiseactan air adhart," thuirt e.
"Chan eil Ofgem aig an ìre seo air a ràdh gu bheil a' chosgais sin cus, ach tha mi a' smaoineachadh gu bheil iad fhèin airson tuigse cheart fhaighinn air dè is coireach gu bheil na cosgaisean air a dhol an-àirde cho mòr.
"'S e briseadh dùil mòr a bhios ann fiù 's ma thèid dàil a chur anns a' chàbal, agus tha sinn a' tuigsinn gu bheil dàil gu bhith ann a-nise co-dhiù gu ìre air choireigin.
"Mar is motha an dàil a tha sin, 's ann nas cunnartaiche a bhios e gun coisich an fheadhainn a bhios airson leasachaidhean a thoirt air adhart air falbh bhuainn," thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

  • Cosgais a' chàbail fhathast gun mhìneachadh