Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

14 An t-Samhain 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

SSE

Chuir a' chompanaidh chumhachd SSE, dham buin Scottish Hydro, Southern Electric agus Swalec, dìon orra fhèin an dèidh dhaibh innse gun do rinn iad prothaid de dh'fhaisg air £400m sna sia mìosan bhon Ghiblean dhan t-Sultain am bliadhna. Tha sin suas còrr is an treas cuid air an aon ùine an-uiridh. Chuir a' bhuidheann, a tha stèidhichte ann am Peairt, cosgais air luchd-cleachdaidh suas 9% bho chionn beagan sheachdainnean.

Cion-cosnaidh

Tha an àireamh a tha gun chosnadh air feadh na rìoghachd air tuiteam a-rithist airson nan trì mìosan eadar an t-Iuchar agus an t-Sultain. Tha an àireamh sìos mu 49,000 gu beagan a bharrachd air 2.5m. Ann an Alba air an làimh eile tha an àireamh a tha gun chosnadh suas 4,000 gu 218,000.

Stailcean Eòrpach

Tha milleannan dhaoine ann an 23 dùthchannan air feadh na h-Eòrpa a' gabhail pàirt ann an stailcean an-diugh an aghaidh ghearraidhean a tha na riaghaltasan aca a' cur an sàs. Tha na h-aonaidhean a th' air cùlaibh nan stailcean airson gun tòisich riaghaltasan a' cosg airgid airson an eaconamaidh a bhrosnachadh.

AG Barr

Thàinig a' chompanaidh Albannach, AG Barr, a tha a' dèanamh Irn Bru, gu aonta le Britvic. 'S e Barr Britvic ainm na companaidh ùire cho fad 's gun gabh luchd nan earrainnean ri sin. Bidh smachd aig luchd-earrainn Britvic air 60% den bhuidhinn ùir, agus an còrr aig AG Barr. Bidh prìomh oifis na buidhne aig ionad Barr ann an Comhar nan Allt, agus obair na buidhne stèidhichte aig làrach Britvic ann an Hertfordshire.

Càbal a' Chuain Sgìth

Chuir Comhairle nan Eilean Siar litir gu riaghladair a' chumhachd, Ofgem, ag iarraidh mìneachaidh air ciamar a chaidh £300m ris an tomhas air na chosgas e càbal dealain a chur fon Chuan Sgìth eadar na h-Eileanan agus Tìr Mòr. Agus tha an litir cuideachd a' ceasnachadh ciamar a tha pròiseactan den aon sheòrsa ann an dùthchannan Eòrpach eile gu math nas saoire na sin.

Cosgaisean na Gàidhealtachd

Tha Comhairle na Gàidhealtachd a' beachdachadh air sgeama far am biodh iad ag ainmeachadh gu poblach chompanaidhean agus bhuidhnean a tha a' cur chosgaisean a bharrachd mu choinneamh stuth a chur dhan Ghàidhealtachd agus dha na h-Eileanan. Tha oifigich malairt na Comhairle airson fiosrachadh a thoirt seachad mu chompanaidhean a tha a' dèanamh sin, agus bidh comhairlichean a' beachdachadh a-màireach air an tèid iad air adhart leis an sgeama.