Gàradh Àranais air luchd-obrach ùr fhastadh

Gàradh Àranais
Image caption Tha ceist mu na bhios de dh'obair aig a' Ghàradh an ath-bhliadhna.

Tha Gàradh Àranais ann an Leòdhas air barrachd luchd-obrach fhastadh, 's iad a' togail phìosan den t-seacaid stàilinn airson clàr-ola a sheasas ann an Raon Solan an iar air Sealtainn.

Tha an cùmhnant sin, a fhuair a' chompanaidh BiFab - leis a bheil an gàradh - na bu thràithe am bliadhna, luach £15m.

Tha an gàradh an dòchas gun nochd obair eile sa Bhliadhna Ùir a chumas an t-àite a' dol.

Ach, ged a bha dùil ri cùmhnant mòr ann an 2014, airson tùran a thogail do chrainn-ghaoithe aig SSE, tha teagamh ann a-nis leis gu bheil dàil air a' chàbal-dealain eadar na h-Eileanan agus Tìr Mòr.

Tha an gàradh air a bhith an ire mhath falamh bho chionn dà mhìos, agus iad eadar dà chùmhnant.

Ach tha a-nise luchd-obrach air am fastadh ann as ùr, 's iad ag obair ann an dà shioft.

Tha dùil gum bi suas ri 50 ag obair sa ghàradh gu deireadh na bliadhna.

Tha dùil an uair sin gum bi tuilleadh obrach ann a' dèanamh phìosan eile de bhun-stèidh a' chlàir-ola.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile