Clach-mhìle do Chaley Thistle

Air fhoillseachadh
Tùs an deilbh, SNS
Fo-thiotal an deilbh,
Chluich Shinne 69 mionaidean den gheama ann an Lugsamburg.

Rinn Anndra Shinnie eachdraidh oidhche Chiadain mar a' chiad chluicheadar bho Chaledonian Thistle Inbhir Nis a chluich son sgioba na h-Alba.

Thòisich Shinnie an geama an aghaidh Lugsamburg, geama a bhuannaich na h-Albannaich 2-1.

Bha Shinnie fhèin an lùib an dàrna tadhail, agus Jordan Rhodes a' cur a' bhuill dhan lìon às dèidh do dh'fhear-glèidhidh Lugsamburg, Jonathan Joubert, stad a chur air oidhirp bho Shinnie.

B' e Rhodes a chuir a' chiad tadhal cuideachd agus ged a fhuair Lars Gerson tadhal air ais do Lugsamburg san dàrna leth, chrìochnaich an geama 2-1.

'S i clach-mhìle eile a bh' ann do sgioba Inbhir Nis, a tha air sreap suas bhon Treas Roinn dhan Phrìomh Lìog bho chaidh an stèidheachadh ann an 1994.

Obar Dheathain

Ghluais Shinnie, a rugadh ann an Obar Dheathain, gu Caley Thistle bho Rangers ann an 2011.

Tha e air a bhith glè mhath air an t-seusan seo is tha Inbhir Nis dìreach air cùmhnant ùr a thabhainn dha.

Cha b' e Shinnie an aon chluicheadar bhon chluba a fhuair gairm bhon sgioba nàiseanta aige meadhan na seachdain nas motha.

Bha Billy MacAoidh bho Chaley Thistle ann an sguad Èireann a Tuath 'son a' gheama acasan an aghaidh Azerbaijan, ach cha d'fhuair e cothrom cluiche.

Chrìochnaich an geama sin ann am Béal Feirste 1-1.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh