Croitean coille gam brosnachadh
- Air fhoillseachadh

Tha iomairt ùr air tòiseachadh airson tuilleadh chroitean coille a chruthachadh air Ghàidhealtachd, sna h-Eileanan, agus ann an Earra-Ghàidheal.
Tha atharrachaidhean a thugadh a-steach le Achd Ath-leasachaidh na Croitearachd (2007), a' ceadachadh gum faodar pìosan beaga de chroitean a chur gu feum airson rudan taobh a-muigh ghnothaichean traidiseanta na croitearachd.
O chionn beagan bhliadhnaichean, thathas air a bhith a' coimhead ri coilltean mar chothrom leigeil le daoine dachaigh agus gnothachas a stèidheachadh ann an sgìrean dùthchail, agus iarrtas airson chroitean air a bhith o chionn fhada gu math nas motha na th' ann de chroitean a tha rim faighinn.
Tha na h-uidhir de chroitean coille air an cruthachadh mar thà ann am Muile.
Tha Com-pàirteachas nan Croitean Coille air a chur air bhonn airson cuideachadh le bhith a' ruith choilltean mar chroitean comharraichte.
Tha Caidreachas Croitearachd na h-Alba, Comann nan Coilltean Coimhearsnachd, agus Urras Taigheadais Choimhearsnachdan Beaga na Gàidhealtachd an sàs.
Tha Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean (HIE) cuideachd a' maoineachadh sreath de thachartasan gus barrachd fiosrachaidh a thoirt do dhaoine mun iomairt.