Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

16 An t-Samhain 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Gàsa

Dh'iarr Prìomhaire na h-Èiphit, Hisham Kandil, air Israel sguir de na h-ionnsaighean air Gàsa. Lean an t-sabaid eadar feachdan Israelach agus a' bhuidheann Phailistinianach Hamas fad na h-oidhche le Israel a' cur itealan cogaidh gu ruige Gàsa, agus Hamas a' losgadh rocaidean air ais. Thuirt Hisham Kandil, a bha a' tadhail air Gàsa an-diugh, gum feum Israel sguir den fhòirneart.

Siria

Choinnich Rùnaire nan Dùthchannan Cèine, Uilleam Hague, ri riochdairean bhon cho-bhanntachd phoileaticich ann an Siria a tha a' seasamh an aghaidh riaghaltas a' Chinn-suidhe Assad. Tha an Fhraing mar thà ag aithneachadh na buidhne sin mar an ath-riaghaltas ann an Siria, agus ged a thuirt Mgr Hague aig a' choinneamh ann an Lunnainn an-diugh gun iarradh Breatainn sin cuideachd, gum feum iad gealltannas fhaighinn fhathast mu dè tha am beachd na buidhne seo.

Prìs a' Chonnaidh

Tha buidheann nan dràibhearan an AA ag ràdh gu bheil dràibhearan a' pàigheadh fada a bharrachd na bu chòir dhaibh airson connaidh. Tha an AA ag ràdh gu bheil bun-phrìs a' pheatroil air tuiteam mu 10sg gach liotair air a' mhìos seo, ach nach deach prìsean aig na stèiseanan connaidh sìos ach mu 4sg gach liotair.

An Ceart-Urr. Peter Bell

Thuirt Poilis a tha a' rannsachadh chasaidean an aghaidh duine a bha na easbaig ann an Eaglais Shasainn gu bheil seachdnar dhaoine eile air gearain mu dheidhinn. Chaidh an Ceart-Urr. Peter Bell, a tha 80 bliadhna de dh'aois, a chur an grèim na dhachaigh ann an Somerset Dimàirt fo chasaidean mu dhrabastachd air gillean agus fir òga eadar na 70an agus na 90an.

Afganastan

Tha am Morair Ashdown, a bha na cheannard air na Libearalaich Dheamocratach, ag ràdh gum bu chòir do Bhreatainn tarraing a-mach às Afganastan cho luath 's a ghabhas dèanamh. A' sgrìobhadh san Times an-diugh tha am Morair Ashdown, a bha na Chaiptean sna Royal Marines, ag ràdh nach fhiach bàs aon shaighdeir Bhreatannaich eile ann an suidheachadh Afganastan.

Càbal a' Chuain Sgìth

Tha eòlaichean bho ghnìomhachas an dealain ag ràdh gur e cho domhainn 's a tha mòinteach agus riasg air Tìr Mòr as coireach gun deach a' chosgais airson càbail-dealain eadar na h-Eileanan is Tìr Mòr suas cho mòr. Agus thuirt iad, leis nach eil mòran chompanaidhean a' dèanamh na h-obrach seo, gu bheil sin a' cur ris a' chosgais. Tha mòran air a bhith a' faighneachd ciamar a chaidh £300m ris na chaidh ainmeachadh airson an sgeama anns a' chiad àite.

Sgoil Lionail

Tha dragh ann an ceann a tuath Leòdhais mu phlana Comhairle nan Eilean Siar airson dleastanas ceannard Àrd-Sgoil Lionail ann an Nis a ghluasad gu Àrd-Sgoil MhicNeacail ann an Steòrnabhagh. Tha seo am measg sreath mholaidhean airson airgead a shàbhaladh. Tha dragh air cuid ge-tà, ma thachras sin gur e ceum eile a bhios ann gu dùnadh na h-àrd-sgoile ann an Lionail.