Baidhseagal
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Baidhseagalachd ga brosnachadh

16 An t-Samhain 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha àrdachadh mòr air tighinn air na tha de bhaidhseagalan air rathaidean na dùthcha, 's an Tour de France agus na Geamaichean Oilimpigeach a' misneachadh dhaoine gus aodach Lycra a shlaodadh orra.

Tha riaghaltas na h-Alba airson seo a bhrosnachadh, 's iad ag iarraidh gun tèid baidhseagalan a chleachdadh anns an 10mh chuid de na turasan a bhios daoine a' dèanamh.

Ann an Inbhir Nis, tha aonar às gach ochdnar a-nis a' cleachdadh baidhseagail 'son faighinn a dh'obair.

Ach, mar a tha Màiri Rodgers ag aithris, chan eil seo air a bhith gun bhuile, 's an àireamh de thubaistean-rathaid cuideachd air èirigh.