Cuimhneachan do mhairbh tubaist chanù

Eoghan Peuton, a mhic Eoghan agus Jamie, agus Gracie NicAoidh. Image copyright Other
Image caption Eoghan Peuton, a mhic Eoghan agus Jamie, agus Gracie NicAoidh.

Tha seanmhair tè den chloinn a chaochail ann an tubaist chanù far Gheàrrloch air taobh siar Rois, am beachd cuimhneachan maireannach dhi a stèidheachadh faisg air far an do thachair an tubaist.

Chaill Juliann NicAoidh a h-ogha Grace NicAoidh, a bha còig bliadhna a dh'aois nuair a chuir an canù car.

Fhuair a piuthar 's a h-athair gu tìr, ach bhàsaich dithis bhalach òg eile cuideachd - Jamie agus Eoghan Peutan agus an athair-san, Eoghan.

Sgrìobh a' Bh.Ph. NicAoidh gu Comhairle Coimhearsnachd Gheàrrloch a dh'iarraidh cead, 's thuirt i gun toireadh iad cuideachadh sam bith dhi as urrainn dhaibh.