Comataidh Pàrlamaideach gus tadhal air Steòrnabhagh

Pàrlamaid na h-Alba Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption 'S e a' chiad turas a bhios a' chomataidh air coinneachadh sna h-Eileanan Siar.

Coinnichidh Comataidh Ath-Chuingean Poblach Phàrlamaid na h-Alba ann an Steòrnabhagh anns a' Mhàrt an ath-bhliadhna.

'S e a' chiad turas a thèid obair na comataidh a thoirt dha na h-Eileanan Siar.

Tha e mar phàirt de Là na Pàrlamaid, a tha ag amas air cothrom a thoirt don t-sluagh air feadh na dùthcha obair na Pàrlamaid fhaicinn.

A bharrachd air coinneamh air 13mh am Màrt, bidh iad a' tadhail air sgoiltean agus buidhnean poblach.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile