SPL a' co-obrachadh le BBC Alba

Niall Doncaster agus Derek Adams
Image caption Chìthear geamaichean beò bhon Phrìomh Lìog.

Chaidh aonta dà bliadhna a ruighinn eadar BBC ALBA agus Prìomh Lìog na h-Alba (SPL) gum bi ball-coise beò bhon lìog ri fhaicinn air BBC ALBA.

Air an t-seusan seo agus 2013/14, seallaidh BBC ALBA 3 geamannan beò le aithris ann an Gàidhlig, a' tòiseachadh le Ross County an aghaidh Caley Thistle Inbhir Nis Diciadain an 2mh den Fhaoilleach 2013 aig 3.05f.

Bidh cuideachd 35 geamannan gan craoladh feasgar Disathairne aig 5.30f, dìreach às dèidh dha na geamaichean a bhith air an cluich.

Cudromach

"Tha mi toilichte innse gum bi geamannan beò le aithris ann an Gàidhlig bhon phriomh lìog air BBC ALBA airson a' chiad uair", thuirt Àrd Oifigear an SPL, Neil Doncaster.

"Tha e air leth cudromach gu bheil an lìog air a leudachadh a-mach chun luchd-leantainn agus luchd-amharc air feadh Alba.

"Le aontaidhean mar thà le Sky Sports agus ESPN, tha fiughair oirnn a bhith a' co-obrachadh le BBC ALBA gus maith an lìog agus na Gàidhlig thairis air an dà sheusan", thuirt e.

mneTV

Thuirt Alan Esslemont, Ceannard Phrògraman BBC ALBA: "Tha BBC ALBA a' dèanamh fiughair ri bhith a' craoladh ball-coise an SPL, le 3 geamannan beò agus geamannan eile 'iar-beò.

"Tha BBC ALBA air taic fhaighinn bhon SPL bho chaidh sinn air an àidhear agus tha sinn an dùil gun cuir an t-aonta seo gu mòr ris an obair a tha sinn a' dèanamh leis an lìog."

Cha bhi na geamannan a bhios BBC ALBA a' craoladh ri fhaicinn air Sky Sports no ESPN.

'S e a' chompanaidh neo-eisimeileach mneTV a bhios a' riochdachadh nam prògraman airson BBC ALBA.