Taisbeanadh Tuath-gaoithe Tholastaidh
- Air fhoillseachadh
Nì a' chompanaidh chumhachd ath-nuadhachail, 2020 Renewables, taisbeanadh ann an Tolastadh bho Thuath ann an Leòdhas Dimàirt leis na planaichean aca airson 14 crainn-ghaoithe a chur an-àirde anns an sgìre.
Thathas am beachd tuath-gaoithe a chruthaicheas 42 MW a thogail ann.
Tha iad ag amas air cead dealbhachaidh iarraidh air Comhairle nan Eilean Siar as t-Samhradh an ath-bhliadhna.
Ach, tha dragh ann gun cuir a' mhì-chinnt a tha a' cuairteachadh a' chàbail-dealain a tha san amharc eadar Leòdhas agus Tìr Mòr, maill air a' phròiseact.
Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh