Uisge trom is tuiltean

Tha uisge trom agus tuiltean a' toirt buaidh air mòran sgìrean de dh'Alba.

Sgaoil a' bhuidheann SEPA rabhadh-tuile mu naoi sgìrean, agus tha Oifis na Sìde cuideachd air rabhaidh a thoirt seachad mun uisge air a' Ghàidhealtachd, anns na h-Eileanan Siar, agus mu mheadhan agus ceann a deas na dùthcha.

Bha an A83 dùinte aig an Rest and be Thankful na bu tràithe, agus an t-uisge trom air maoim-slèibhe adhbharachadh. Tha an rathad a-nis air fosgladh a-rithist ge-tà.

Tha luchd-smàlaidh ann an Siorrachd Pheairt a' dèiligeadh ri tuil às dèidh mar a chuir abhainn anns an sgìre thairis ann am baile Cuimrigh faisg air Craoibh, agus is coltach gu bheil mu 100 dachaigh ann an cunnart bhon uisge.