Càineadh ùr mun Rest
- Published
Chaidh càineadh ùr a dhèanamh air Riaghaltas na h-Alba ri linn 's mar a chaidh an A83 a dhùnadh a-rithist aig an Rest and Be Thankful Diluain.
Dh'fhosgail an rathad a-rithist oidhche Luain ach thuirt fear de bhuill na Gàidhealtachd is nan Eilean aig Holyrood, Jamie MacGriogair, gu bheil muinntir Earra-Ghàidheal "seachd searbh sgìth" leis an t-suidheachadh.
Thuirt e nach eil e math gu leòr nach eil slighe-èiginneach tro Ghleann a' Chrò - a bhiodh air a cur gu feum nuair a bhiodh an A83 dùinte aig an Rest and Be Thankful - deiseil fhathast.
"Tha seo air a bhith a' dol air adhart còig bliadhna," thuirt Mgr MacGriogair.
"Chuir mi ceist air an riaghaltas air an 19mh den Iuchair a dh'fhaighneachd cuin a bhiodh an t-slighe-èiginneach deiseil.
Freagairt
"Fhuair mi freagairt gun tòisicheadh obair san Lùnastal 2012 agus gum biodh an t-slighe deiseil san t-Samhain 2012.
"Seo sinn a-niste ann am meadhan na Samhna is cha deach dad a dhèanamh," thuirt e.
Chaidh Ceannard Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid, Ruairidh MacCuthais an sàs cuideachd.
"Feumaidh sinn fuasgladh maireannach 'son an A83 a chumail fosgailte aig an Rest and Be Thankful fiù 's nuair a tha droch shìde ann.
"Tha na gnìomhachasan agus na daoine againn an seo a' fulang a h-uile turas a bhios am prìomh rathad a-steach dhan sgìre dùinte," thuirt e.
Dìon
Chuir BPA na sgìre Mìcheal Russell, a tha cuideachd na bhall den Chabineat, dìon air an Riaghaltas.
Thuirt Mgr Russell gun do rinn Còmhdail na h-Alba obair ionmhalta gus an rathad a fhosgladh gu sgiobalta agus gu bheil obair a' leantainn air an t-slighe-èiginnich tro Ghleann a' Chrò.
Thuirt e cuideachd nach robh fiù 's eòlaichean an dùil gum biodh maoimtean-slèibhe ann cho tric agus gur e fìor dhroch shìde a bu choireach.
"Feumaidh sinn dèanamh cinnteach nach bi buaidh air an A83 fiù 's ann am fìor dhroch shìde.
"S e sin am prìomh amas a th' againn," thuirt e.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Published
- 9 An t-Samhain 2012