BSGI a-nise gun cheannard
- Air fhoillseachadh
Tha am buaireadh mu cheannas Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis a' leantainn agus an sgoil a-nise air an ceannard eadar-amail aice a chall.
Dh'innis Comhairle na Gàidhealtachd do phàrantan gun robh Annika Jansson a' fàgail às dèidh mar nach deach a cur san dreuchd air cùmhnant maireannach.
'S i an aon thagraiche a bh' ann.
Ged a bha i na ceanard eadar-amail airson còrr is dà bhliadhna, bha cuid de phàrantan agus Comann nam Pàrant Inbhir Nis gu làidir an aghaidh ceannard gun Ghàidhlig a chur san obair làn-ùine.
Dhearbh a' Chomhairle Dimàirt gun robh a Bh.Ph. Jansson a' fàgail na sgoile agus gun tèid i gu sgoil air choireigin eile ann an sgìre Inbhir Nis.
Thuirt iad gun tèid an obair a shanasachd a-rithist agus gu bheil còmhraidhean a' leantainn mun dòigh as fheàrr an sgoil a stiùireadh san eadar-ama.
Tàmailteach
Tha an suidheachadh air cuid de phàrantan fhàgail tàmailteach.
"Bu chòir dhaibh an obair a thoirt air ais dhi," thuirt tè de na pàrantan, Sarah NicIain.
"Nach eil e nas fheàrr ceannard a bhith ann aig a bheil eòlas air an sgoil agus a' chlann aice fhèin san sgoil?
"Nach eil e nas fheàrr cuideigin a bhith ann seach an obair a bhith bàn?
"Tha mi a' smaoineachadh gun tig pàrantan eile air adhart oir tha coltas ann nach eil ann ach aona bhuidhinn bheag a tha a' creidsinn gun robh seo a' toirt buaidh air an sgoil.
"Chanainn-sa gu bheil a' mhòr-chuid de phàrantan ag aontachadh gun robh còir aig a' Chomhairle a bhith air an obair a thoirt do dh'Annika Jansson, 'son faicinn ciamar a gheibheadh i air adhart," thuirt i.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 19 An t-Samhain 2012