Tuath-gaoithe Tholastaidh na "bhuannachd"
- Published
Tha croitearan Tholastaidh ann an Leòdhas ag ràdh gum bi tuath-gaoithe a tha 2020 Renewables am beachd a thogail san sgìre na bhuannachd dhaibhsan agus dhan bhaile.
Bhiodh 14 crainn-ghaoithe anns an sgeama, le dùil gun cuireadh e mu £300,000 gach bliadhna dhan choimhearsnachd.
Chruthaicheadh an tuath-gaoithe 42 megawatt - 3 mw airson gach crainn-ghaoithe.
Chum a' chompanaidh taisbeanadh mu na planaichean a tha san amharc aca ann an Talla Tholastaidh bho Thuath Dimàirt.
A h-uile oidhirp
Tha ceistean mu choinneamh a' phròiseict ge-tà, agus dàil eile air tighinn air Càbal a' Chuain Sgìth, a bheireadh dealan bho sgeamaichean ath-nuadhachail sna h-Eileanan Siar, gu Tìr Mòr airson a cheangal ris a' Ghriod Nàiseanta.
"Mar as trice bidh thu a' cluinntinn dhaoine a' gearain nach eil fhios aca dè mar a tha cùisean a' dol nuair a tha thu a' faicinn ghnìomhachasan mar seo a' dol air adhart," thuirt comhairliche na sgìre, Iain A. MacÌomhair.
"Ach tha iad seo air a bhith a' bruidhinn ris na daoine bho thoiseach-tòiseachaidh.
"'S e seo an dàrna turas a tha iad air a bhith a' dèanamh taisbeanaidh mar seo dhan choimhearsnachd.
"An rud a tha mi a' faicinn an seo an-diugh, tha mi gu math toilichte leis.
"Gu h-àraid a' bhuannachd a tha gu bhith ann dhan choimhearsnachd ma thèid seo air adhart.
"Tha iad a' bruidhinn air £7,500 gach megawatt. Nise tha sin gu bhith mìorbhailleach dhan choimhearsnachd ma thig e.
"Tha an là air falbh far a bheil "handouts" gu bhith a' tighinn dha na coimhearsnachdan tuilleadh. Feumaidh sinn a bhith a' dèanamh a h-uile oidhirp airgead a thional dhuinn fhèin.
"'S e dòigh mhath a tha seo airson airgead fhaighinn airson feum a dhèanamh anns na coimhearsnachdan," thuirt e.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Published
- 19 An t-Samhain 2012