Urras Ghleann Dail gun stiùirichean
- Air fhoillseachadh

Chaidh Urras Ghleann Dail fhàgail gun stiùir is na buill air fad air fàgail.
Dh'fhalbh an ceathrar stiùirichean mu dheireadh an t-seachdain seo chaidh.
Tha seo as dèidh do thriùir eile fàgail - nam measg an cathraiche, Iain Blackford.
Ann an litir air làrach-lìn an urrais, thug e iomradh air rudan dùbhlannach a thachair.
Thathar dhen bheachd gur ann an co-cheangal ri mar a chaidh grafitti mu dhèidhinn a pheantadh air an Eaglais Shaoir às dèidh mar a dhiùlt an t-urras an taic a chur ri sgeama bhuill-choise air an t-Sàbaid.
Staing
Thuirt duine a bha na stiùriche gur e a bu choireach airson na staing nach robh cuid a' tighinn a rèir a chèile.
Ge b' e dè an t-adhbhar, tha e a' fàgail an urrais gun cheannas.
Fhuair a' bhuidheann airgead poblach airson grunn phròiseactan - leasachadh chidhe Mhèanais nam measg - agus airson ofigear leasachaidh fhastadh.
Thathar a' tuigsinn gum bi coinneamh shònraichte a-nis san sgìre airson feuchainn ri bòrd ùr a stèidheachadh agus airson obair an urrais a leantainn.