Sgioba na Hearadh an cunnart?

Sgioba na Hearadh Image copyright Sgioba Ball Coise na Hearadh
Image caption Tha ceist ann dè tha an dàn do sgioba na Hearadh. Dealbh bho Sgioba na Hearadh.

Chan eil ann ach bliadhna bho bhuannaich iad Cupa Eilein an Fhraoich - ach tha ceist ann a-nise an urrainn do sgioba ball-coise na Hearadh cumail a' dol.

Bha seusan truagh aig na Hearaich am bliadhna agus chrìochnaich iad aig bonn Lìog Leòdhais is na Hearadh gun geama a bhuannachadh.

Chaill na Hearaich 17 de na 18 geamaichean a chluich iad is iad cuideachd air 85 tadhail a chall.

Ràinig cùisean an ìre as ìsle san Lùnastal nuair a chaill iad 12-0 an aghaidh a' Bhac.

Truagh

Eadar cho truagh 's a bha an sgioba agus trioblaidean le gainnead chluicheadairean, tha ceist ann a-nise an tig air na Hearaich tarraing a-mach às an Lìog.

"Tha tòrr a bharrachd chluicheadaran a dhìth oirrn," thuirt Alasdair MacIllinneinn bho sgioba na Hearadh.

"Aig toiseach an t-seusain bha sinn a' dol suas a thrèanadh ann an Steòrnabhagh agus aig a' char as motha bhiodh mu 12 no 13 againn, agus fiù 's aige sin bha tòrr chluicheadaran a bha fo 18.

"Ged a tha iad sgoinneil, chan urrainn dhut a bhith a' cluich ann an lìog inbheach le an dàrna leth den sgioba fo 18," thuirt e.

'S e a tha car neònach mu shuidheachadh na Hearadh gun robh dà sgioba às an eilean a' cluich san lìog welfare, fhad 's a bha duilgheadas aig sgioba na Hearadh fhèin sgioba a chur air a' phàirc.

"Tha e a' sealltainn gu bheil cluicheadairean gu lèor anns na Hearadh airson sgioba inbheach ach chan eil duine deònach cluiche, b'fheàrr leotha a bhith a' cluich ann an roinn welfare seach an roinn cheart," thuirt Alasdair.

Tha Alasdair a' dèanamh dheth gu bheil cuid a' taghadh cluich aig an ìre as ìsle seach gu bheil e nas fhasa.

Bidh coinneamh bhliadhnail sgioba na Hearadh ann oidhche Haoine agus dh'iarr iad air na 's urrainn de dhaoine a dhol ann 'son taic a nochdadh dhan chluba.

Chan e dìreach cluicheadairean a bharrachd a tha a dhìth ach oifigearan a chumas taic ris a' chluba.

'S e call mòr a bhiodh ann nan rachadh cluba cho cliùteach à bith, ach tha an cluba an dòchas nach e sin a thachras.

Duilgheadasan

"Bha duilgheadasan againn bho chionn bhliadhnaichean nuair nach robh pàirce chluiche againn," thuirt Alasdair.

"Cha robh sgioba na Hearadh ann bho chionn cha robh pàirce againn airson a bhith a' cluich air - agus chan eil sinn ag iarraidh gun tachair sin a-rithist.

"Chan e Roinn Leòdhais is na Hearadh a th' ann gun na Hearadh a bhith ann," thuirt e.

Bidh a' choinneamh ann an Taigh-Òsta na Hearadh aig 7.00f oidhche Haoine.