Geamaichean mòra 'son ICT is County

ICT is Tobar na Màthar Image copyright SNS
Image caption Chaidh sgioba Inbhir Nis a phronnadh 5-1 aig an taigh an aghaidh Tobar na Màthar sa gheama mu dheireadh aca.

Tha dùbhlan mu choinneamh nan sgiobaidhean Gàidhealach san SPL aig an deireadh-sheachdain le Caley Thistle a' siubhail gu Glaschu 'son cluich an aghaidh Celtic, is Ross County aig an taigh an aghaidh Dundee United.

Bidh Caley gu mòr airson an geama mu dheireadh a chluich iad a chur air an cùlaibh, is Tobar na Màthar air glèidheadh 5-1 ann an Inbhir Nis Didòmhnaich.

'S e buille a bha sin do sgioba Inbhir Nis a bha air a dhol deich geamaichean gun chall ro-làimh.

Tha eachdraidh nan aghaidh aig Parkhead oir cha do bhuannaich ICT aig Parkhead bhon gheama ainmeil ann an Cupa na h-Alba air ais ann an 2000 nuair a ghlèidh iad 3-1.

A rèir mhanaidseir Chaley Thistle, Terry Butcher, chan eil eagal sam bith orra.

"S e pàirc shònraichte a th' ann am Parkhead agus còrdaidh e ris na balaich a bhith a' cluich an sin.

"Bha deagh sheusan againn thuige seo is chan eil adhbhar sam bith ann nach tèid sinn an sin agus geama math a thoirt dhaibh," thuirt e.

County

Tha eachdraidh an aghaidh Ross County cuideachd.

Chluich na Staggies ochd geamaichean an aghaidh Dundee United ron a seo agus chan eil iad ach air aonan dhiubh a bhuannachadh.

Thill iad air ais à Peairt an t-seachdain seo chaidh le puing, ach le Dùn Dè a-nise a' cluich beagan nas fheàrr tha feum aig County air puingean 'son streap air falbh bho bhonn na Lìge.

Bidh iad às aonais Stephan Ros a tha air a ghoirteachadh, ach tillidh Rocco Quinn dhan sguad agus a chasg a-nise seachad.

Dh'iarr manaidsear na sgioba, Derek Adams, cuideachd air an luchd-leantainn othail a bharrachd a dhèanamh aig a' gheama.

"Tha an luchd-leantainn air taic mhath a thoirt dhuinn - ach dh'fhaodadh iad barrachd a dhèanamh," thuirt e.

"Dùdaich, drummaichean, vuvuzela - rud sam bith mar sin - carson nach bi iad againn Disathairne?

"Gheibh an luchd-leantainn togail bho na cluicheadairean gun teagamh - ach aig amannan 's ann a tha na balaich air a' phàirc feumach air brosnachadh is spionnadh bhon luchd-leantainn cuideachd," thuirt e.