Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

23 An t-Samhain 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Buidseat an Aonaidh Eòrpaich

Tha Breatainn, a' Ghearmailt 's an Fhraing teagmhach an tig aonta às na còmhraidhean anns a' Bhruiseall mu bhuidseat na h-Eòrpa. Chuir Ceann-suidhe na Comhairle Eòrpaich, Hermann Van Rompuy, buidseat ùr mu choinneimh nan ceannardan an-raoir, ach thuirt Dàibhidh Camshron, air a rathad dha na còmhraidhean an-diugh, nach eil iad fiù 's faisg air aonta fhathast.

Dealain Uaine

Thuirt Rùnaire a' Chumhachd, Ed Davy, gun cuir taic an Riaghaltais airson dealain ghlan ri £100 gach bliadhna sa chumantas ri cunntas an luchd-cleachdaidh. Dh'fhoillsich Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte bile cumhachd an-diugh fo an tèid £8bn a chur ri cumhachd a tha ìosal air càrbon ro 2020. Tha feadhainn a' gearain gun cuir an sgeama tuilleadh cosgais air teaghlaichean 's daoine bochda a tha a' strì mar thà ri cosgaisean cumhachd san dachaigh.

Cumhachd Ath-nuadhachail

Thàinig rabhadh bho chomataidh ann am Pàrlamaid na h-Alba, a thuirt gu bheil planaichean Riaghaltas na h-Alba airson cumhachd uaine ath-nuadhachail ann an cunnart leis gu bheil e a' faileachadh air companaidhean taic-airgid fhaighinn. Thuirt Comataidh Eaconamaidh agus Chumhachd na Pàrlamaid gum faod fhathast tighinn a rèir amais an Riaghaltais gum biodh dealan na h-Alba gu lèir a' tighinn bho chumhachd ath-nuadhachail ro 2020, ach gum feum atharrachadh a thoirt air an t-siostam cead-dealbhachaidh, agus gum feumar airgead cuideachd a chosg air daoine ionnsachadh gu sgilean anns a' ghnìomhachas.

An Èipheit

Tha pàrtaidhean agus buidhnean dùbhlain san Èipheit ag iarraidh air an t-sluagh a dhol an sàs ann an caismeachdan agus togail-fianais an aghaidh a' Chinn-suidhe Mursi, a thug tuilleadh chumhachdan ùra dha fhèin. Am measg rudan eile, chuir e casg air na cùirtean bho a bhith a' ceasnachadh a cho-dhùnaidhean.

Tuiltean

Chaill duine a bheatha nuair a chaidh an càr aige a ghlacadh ann an tuil ann an Somerset an-raoir. Thug luchd-smàlaidh an duine a-mach às a' chàr, ach chaochaill e mun àm a fhuair iad dhan ospadal e.

Neo-eisimeileachd

Tha am plana airson referendum air neo-eisimeileachd na h-Alba a' gluasad air adhart an-diugh. Chuir buill na Pàrlamaid Albannaich a rinn sgrùdadh air na molaidhean làn-thaic ris an sgeama a bheir cead laghail do Holyrood an referendum a chumail. Cha do dh'aontaich Westminster ge-tà, ri sin fhathast.

RET

Tha dùil air an ath-mhìos ri crìoch air sgrùdadh agus aithisg a bhios gu math cudromach ann an co-dhùnadh dè thachras do dh'fharaidhean aiseig RET. Chuir luchd-comhairleachaidh do Riaghaltas na h-Alba seachad sia mìosan a' rannsachadh buaidh nam faraidhean RET, an dèidh connspaid nuair a chaidh stad de na faraidhean saora sin do thrafaig choimearsalta.