Companaidh togail cidhe ga sireadh

Air fhoillseachadh
Tùs an deilbh, Undiscovered Scotland
Fo-thiotal an deilbh, Tha leasachadh mòr ga thoirt air cala Loch Baghasdail.

Thathas ceum nas fhaisge air cidhe ùr fhaighinn ann an Loch Baghasdal, an Uibhist a Deas.

Tha am pròiseas tairgse air tòiseachdainn gus companaidh a lorg airson an obair a dhèanamh.

Tha còig companaidhean a' farpais airson a' chùmnaint.

Chuir an t-uachdaran coimhearsnachd, Stòras Uibhist, £10m mu seach airson am pròiseact a thoirt gu buil.

Tha an cidhe ùr mar phàirt de leasachadh nas fharsainne air cala Loch Baghasdail.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh