BBC Naidheachdan

Dùil ri co-dhùnadh air tuath-gaoithe ann an Cataibh

Published
image copyrightUndiscovered Scotland
image caption'S ann faisg air eaglais ainmeil na Cròice a bhiodh an tuath-gaoithe.

Beachdaichidh comhairlichean air Ghàidhealtachd Dimàirt air planaichean connspaideach airson tuath-gaoithe a thogail ann an Cataibh.

Tha oifigich dealbhachaidh a' moladh nach bu chòir bacadh a chur air an leasachadh, a tha faisg air Àird Ghaoithe.

An toiseach bha a' chompanaidh Wind Energy airson 43 crainn a chur an-àirde air oighreachd Chille Mhuire is Ghleann Chailibhidh.

Ach chaidh an àireamh a lùghdachadh gu 34 crainn ann an oidhirp gus buidhnean a bha an aghaidh an leasachaidh a riarachadh.

A dh'aindeoin sin tha an t-ùghdarras ionadal air còrr is 200 gearain fhaighinn mun phròiseact, le Comhairle Sreapadaireachd na h-Alba ag iarraidh air comhairlean cùl a chur ris an sgeama.

Tha Wind Energy ag ràdh gun cùm an tuath-gaoithe dealan ri 90,000 dachaigh, gun cruthaich e obraichean san sgìre agus gun coisinn e timcheal air £8m dhan choimhearsnachd.

Tha oifigich dhealbhachaidh ag ràdh gu bheil grunn thuathan-gaoithe san sgire mar thà, 's iad a' gabhail ris gu bheil dragh air daoine mun bhuaidh air coltas an àite.

Ach tha iad ag iarraidh air comhairlichean am plana a leigeil troimhe, le sreath de chùmhnantan na lùib, agus an co-dhùnadh deireannach fhàgail aig Riaghatas na h-Alba.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

  • Fearg mu thuath-gaoithe Àird Ghaoithe

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh