Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

27 An t-Samhain 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Sgeama Fastaidh

Tha figearan ùra a' sealltainn nach eil ach 3.5% de dhaoine a' faighinn obrach airson barrachd is sia mìosan mar phàirt de sgeama ùr an Riaghaltais. Bha an sgeama, a thòisich an-uiridh ag amas air daoine a bha gun chosnadh airson ùine mhòir a thoirt air ais gu obair. Dh'innis Roinn na h-Obrach 's nam Peinnseanan gum bu chòir dhaibh 5.5% de dhaoine fhaighinn a-steach gu cosnadh airson co-dhiù sia mìosan fon sgeama ùr. Tha na figearan a' toirt a-steach nan trì mìosan deug eadar an t-Ògmhios an-uiridh agus an t-Iuchar am bliadhna.

A' Ghrèig

Chaidh aonta a ruighinn le ceannardan an Aonaidh Eòrpaich a tha ag amas air ìsleachadh a thoirt air fiachan na Grèige. Chaidh còmhraidhean a chumail anns a' Bhruiseal a lean gu uairean beaga na maidne. Tha an t-aonta a' ciallachadh gum faigh iad an ath-chuibhreann den iasad aca tràth air an ath-mhìos - rud air a bheil riaghaltas na dùthcha air a bhith a' feitheamh bhon Ògmhios. Tha earrainnean anns an Roinn Eòrpa agus ann an Àisia air a dhol an-àirde ri linn na naidheachd.

Tuiltean

Chaidh ìmpidh a chur air daoine ann an St Asaph ann an ceann a tuath na Cuimrigh suas ri 500 dachaigh fhàgail ri linn tuiltean. Tha dragh ann cuideachd mu dhachannan ann am Pickering ann an Yorkshire far a bheil àird nan aibhnichean air a dhol suas cuideachd. Tha na ceudan de rabhaidhean tuiltean fhathast an sàs airson cuid de sgìrean ann an Sasainn 's a' Chuimrigh, le aonan anns na Crìochan ann an Alba.

Iomairt Sgrùdaidh

Tha sgrùdadh a' leantainn an-diugh airson fireannach a tha a dhìth ann an Siorrachd Rois. Cha deach am fireannach, a tha 61, fhaicinn bho Dhiciadain seo chaidh, agus e na dhachaigh ann an Aigeis. Tha na Poilis air a ràdh gu bheil iad a' tuigsinn gun deach e gus dealbhan a thogail faisg air a dhachaigh, 's iad air lorg fhaighinn air uidheamachd chamara aig Dam Aigeis. Tha na Poilis air ìmpidh a chur air duine sam bith a bha a' coiseachd san sgìre air an t-seachdain seo chaidh fios a chur thuca.

An Eaconamaidh

Dhearbh figearan oifigeil gun do dh'fhàs eaconamaidh Bhreatainn 1% eadar an t-Iuchar agus an t-Sultain am bliadhna. Bha cuid de dh'eòlaichean den bheachd gun deadh na h-àireamhan GDP airson nan trì mìosan sin a ghearradh bho 1% gu 0.9%. Ach cha do thachair sin. Tha draghan ge-tà gan nochdadh nach lean am fàs san ath thrì mìosan gu ruige na Nollaige.

Tuath-gaoithe Àird Ghaoithe

Beachdaichidh comhairlichean Gàidhealach an-diugh air planaichean connspaideach airson tuath-gaoithe a thogail ann an Cataibh. Tha oifigich dhealbhachaidh a' moladh nach bu chòir bacadh a bhith air a chur air an leasachadh faisg air Àird Ghaoithe. Tha sin a dh'aoindeoin 's gu bheil na planaichean air fearg a chur air muinntir na sgìre, agus còrr is 100 duine air cur na aghaidh.