Cus obrach aig Comhairle na Gàidhealtachd
- Air fhoillseachadh
Tha an àireamh air èirigh 5% bho 2010.
Thuirt cairteal de luchd-obrach Comhairle na Gàidhealtachd gu bheil cus obrach aca ri dhèanamh.
Tha sin a rèir rannsachaidh ùir a sheall gu bheil an àireamh suas 5% bho chaidh coimhead ris a' chùis mu dheireadh ann an 2010.
Is coltach gu bheil barrachd dhaoine cuideachd a' faireachdainn gu bheil iad fo uallach-obrach.
Thèid toraidhean an rannsachaidh a chur mu choinneamh Comataidh Ionmhais, Taigheadais agus Ghoireasan na Comhairle Diciadain.
Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh