Eaglais na Cròice
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Dàil air tuath-gaoithe air Ghàidhealtachd

28 An t-Samhain 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Dh'aontaich comhairlichean Gàidhealach dàil a chur air cò-dhùnadh mu thuath-gaoithe ann an Siorrachd Rois.

Tha a' chompanaidh, Wind Energy Glenmorie Eta, ag iarraidh cead airson 34 crainn-ghaoithe a stèidheachadh faisg air Gleann Chailbhidh.

Dhearbh comhairlichean gum feum iad an làrach fhèin fhaicinn an toiseach, agus na ceudan de dhaoine gearainean a chur a-steach an aghaidh a' phròiseict.

Tha Dòmhnall MacLaomainn ag aithris.