Tha fireannach fhathast a dhìth air a' Ghàidhealtachd
- Published
image copyrightPaul Hookway/Geograph
Thèid oidhirp eile a dhèanamh Diciadain lorg fhaighinn air fear a tha a dhìth faisg air a' Mhanchainn.
Tha seachdain a-nis bho nach fhacas an duine, a tha 61.
Tha dùil gun deach e a-mach a thogail dhealbhan aig dama Aigeis, agus chaidh uidheaman camara a lorg faisg air sin.
Chuireadh fios Dimàirt air daibhearan poilis a dhèanamh sgrùdadh air earainn de dh'Uisge Fharrair, agus tha coin phoileas 's na h-oifigearan làimhseachaidh aca cuideachd air a bhith a' coimhead air a shon.
Chaidh fios a chur cuideachd air a' bhuidhinn rannsachaidh adhair 'Skywatch' agus sgioba teasairginn an Locha Bhig, à Achadh Dà Dhòmhnaill.
Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh