Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

28 An t-Samhain 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Leveson

Gheibh am Prìomhaire, Dàibhidh Camshron, a' chiad shùil air aithisg Leveson air modhan-obrach nam meadhanan an ceann beagan uairean de thìde. Tha cuideam ga chur air Mgr Camshron gun molaidhean a chur air adhart a bheireadh làn-chumhachd dhan stàit. Ann an Alba tha am Prìomh Mhinistear, Ailig Salmond, air a bhith ag innse dhan BhBC gu bheil e deiseil gus dòighean-sgrùdaidh nas teann a thoirt a-steach a choimhead ri obair nam pàipearan-naidheachd. Ach thuirt e nach eil e a' cur a thaic ri làn-smachd a bhith aig an riaghaltas air na meadhanan.

Banca Uaine Ùr

Dh'fhoillsich Rùnaire a' Ghnothachais, Vince Cable, gun deach na ciad suimeannan airgid a thoirt seachad airson banca ùr Riaghaltas Bhreaatainn a bheir maoineachadh do phròiseactan ath-nuadhachail. Bidh £3bn ri fhaotainn airson phròiseactan chumhachd ath-nuadhachail. Nam measg bidh pròiseactan a nì cumhachd bho sgudal ann an ear-thuath Shasainn.

Aodion Gas

Dh'innis luchd-einnsiniridh gun deach aca air pìob a chaidh a sgàineadh ann an Siorrachd Chlach Mhannainn a chàradh. Bha mu 3,500 dachaigh às aonais gas tron oidhche às dèidh tubaiste ann am Fishcross anns an sgìre. Tha coltas a-nis gum feum luchd-obeach lìonra gas na dùthcha tadhail air gach taigh gus dèanamh cinnteach gu bheil e sàbhailte, agus iad ag ràdh gu bheil iad an dòchas gun tèid aca air connadh a thilleadh gu cuid de thaighean ro dheireadh an là.

Siria

Tha aithrisean gun deach co-dhiù 29 duine a mharbhadh an dèidh dà bhoma a spreadh ann an Damascus, prìomh bhaile Shiria. Thuirt aithrisean naidheachd na stàite gur ann am prìomh cheàrnag Jara-mana a thachair na spreadhaidhean, 's gun deach milleadh a dhèanamh air dachaighean agus bùithdean faisg air làimh.

Deoch-làidir

Tha Riaghaltas Westminster air co-chomhairleachadh fhoillseachadh a thaobh bun-phrìse air deoch-làidir. Thathas a' moladh ann an aithisg a chaidh fhoillseachadh anns an leth-uair mu dheireadh, gun deadh bun-phrìs de 45sg a chur mu choinneimh gach aonad de dheoch-làidir. Tha an Riaghaltas a' leantainn na h-aon phrìse a tha ga moladh le Riaghaltas na h-Alba.

Tha dùil gun tig dearbhadh a dh'aithghearr air an tèid dotairean na h-Alba air stailc. 'S ann an Alba a-mhàin a bhiodh an stailc a' gabhail àite, agus dotairean na dùthcha a' cur an aghaidh atharrachaidhean sna peinseannan aca. Ma thèid aontachadh 's ann air an 12 là den ath-mhìos a bhios e a thuilleadh air dà là eile san Fhaoilleach.