Slighe air adhart dhan iomain fon phrosbaig

Bail' Ùr an t-Slèibh' Image copyright Neil G McPherson
Image caption Thèid còig roghainnean a chur mu choinneimh a' Chomainn.

Thèid an t-slighe air adhart dhan iomain a dhealbh sa Ghearasdain Disathairne.

Sa chiad dol-a-mach thèid sgrùdadh a dhèanamh air a' bhliadhna a chaidh - far am bithear gach bliadhna a' cur air adhart mholaidhean gus riaghailtean a' gheama a leasachadh.

An uair sin cluinnear bho buidhinn a tha a' coimhead air na dòighean as fheàrr crathadh a thoirt air farpaisean na spòrs.

Tha buidheann-sgrùdaidh nam farpaisean air ceisteachain a chur a-mach, is Disathairne bruidhnidh iadsan mu na planaichean aca.

Tha coinneamh bhliadhnail a' Chomainn air a bhith cudromach thar nam bliadhnaichean a chaidh gus riaghailtean na spòrs atharrachadh. 'S ann aig an dearbh choinneimh ann an 2010 a chaidh "rolling subs" a bhruidhinn air an toiseach.

Feumaidh coinneamh bhliadhnail Chomann na Camanachd an uair sin sgrùdadh a dhèanamh air molaidhean sam bith a thig a-mach à coinneimh Dhisathairne.

Chan eilear an còmhnaidh a' gabhail ris na molaidhean.

Chaidh moladh an-uiridh na riaghailtean a thaobh bhuilean-saor atharrachadh is cha robh buill na coinneimh bliadhnail cho sàsaichte le sin air adhbharan sàbhailteachd.

Bidh e inntinneach faicinn dè na molaidhean a thèid a chur air adhart aig a' choinneimh Disathairne, 's bidh e inntinneach cuideachd cluinntinn bho buidhinn-sgrùdaidh nam farpaisean.

Chuir iadsan pasgan ma sgaoil le còig roghainnean na chois. Tha ceithir structuran ùra ann - 's e an còigeamh roghainn cùisean fhàgail mar a tha.

Coltach ri ball-coise, tha na planaichean ùra a' moladh 'Priomh Lìog a Dhà' - ann an cuid de na planaichean tha ochd sgiobaidhean san dara lìog agus ann am planaichean eile tha 15.

Bheir a' choinneamh Disathairne cothrom dhan bhuidhinn bruidhinn mu na planaichean is na freagairtean a thathar a' faighinn ris na ceisteachan.

Thèid na molaidhean acasan cuideachd a chur air beulaibh coinneimh bhliadhnail a' Chomainn.

Ma tha atharrachadh sam bith a' dol a thighinn air structar lìogaichean na h-iomain, tòisichidh sin ann an 2014.