Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

29 An t-Samhain 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Leveson

Bheir Dàibhidh Camshron agus Nick Clegg òraidean mu seach seachad nas fhaide den là mar fhreagairt air Aithisg Leveson. Chunnaic am Prìomhaire agus an Leas-Phrìomhaire leth-bhreac den aithisg a thèid fhoillseachadh nas fhaide den là, ach cha deach aca air aonta a ruighinn air a freagairt on Riaghaltas. Tha gu leòr den bheachd gun iarr an aithisg atharrachaidhean anns an dòigh anns a bheil na meadhanan naidheachd air an riaghladh. Ach tha eas-aonta am measg Riaghaltas na Co-bhanntachd, agus Nick Clegg is na Lib-Deamaich ag iarraidh smachd nas làidire na tha am Prìomhaire, a rèir choltais.

Turas Ailig Salmond

Chaidh càineadh a dhèanamh leis na pàrtaidhean dùbhlannach air turas a thug Prìomh Mhinistear na h-Alba a dh'Aimeireaga 's a chosg faisg air £500,000 do luchd-pàighidh nan cìsean. Ach thuirt Riaghaltas na h-Alba gun robh turas Ailig Salmond gu ruige co-fharpais ghoilf Chupa Ryder, air a chur air dòigh gus a' bhuannachd as fheàrr fhaighinn do dh'Alba nuair a tha a' cho-fharpais ann an Alba air an ath-bhliadhna.

Gas

Dh'innis Lìonra Gàs na h-Alba gu bheil an luchd-einnsiniridh aca a' dèanamh adhartais mhòir, 's iad air gas a thilleadh gu co-dhiù 900 dachaigh ann an Siorrachd Chlach Mhanainn. Chaidh aca an-dè air pìob a chaidh a sgàineadh a chàradh, ach tha aig luchd-obrach gas ri tadhail air gach dachaigh mus bi an t-seirbheis air ais mar is còir.

Saileadh Rathaidean

Chaidh cur às leth Comhairle nan Eilean Siar gum faodadh gu bheil iad a' cur airgid ro bheatha dhaoine. Thuirt fear de chomhairlichean Leòdhais, Dòmhnall "Cudig" MacLeòid, gum feum an t-ùghdarras sùil as ùr a thoirt air a' phoileasaidh aca gun cuid de rathaidean a shaileadh. Thuirt e gun robh e draghail gum fàgadh a' chùis clann agus luchd-obrach air dheireadh air a' mhadainn.

Bùth Dhiùra

Bhòt muinntir Eilein Dhiùra an-raoir gu bheil iad airson oidhirp a dhèanamh gus bùth an eilein a chur ann an làmhan na coimhearsnachd. Nochd dragh air an eilean bho chionn ghoirid gun dùineadh i, agus an fheadhainn a th' air a bhith ga ruith fad 20 bliadhna a-nis airson a reic.

Geama Ball-coise

Thuirt na Poilis gun deach seachdnar luchd-leantainn a thoirt an grèim aig geama ball-coise ann an Dùn Èideann an-raoir far an robh Hearts a' cluich an aghaidh Celtic. Nochdaidh na fireannaich a tha eadar 20 agus 44 bliadhna de dh'aois ann an Cùirt an t-Siorraidh ann an Dùn Èideann an-diugh fhathast.