Tha tuilleadh fosglaidh a dhìth san Fhadhal a Deas
- Air fhoillseachadh

Tha fear de Chomhairlichean Uibhist a Deas ag ràdh gu bheil Comhairle nan Eilean Siar a' caitheamh airgid gun fheum leis nach eil iad a' beachdachadh air drochaid a thogail eadar Beinn nam Fadhla agus Uibhist a Deas.
Tha na h-uidhir de dh'obair a' dol gus cladaichean nan Eilean a dhìon bho chrìonadh, ach tha Raghnall MacFhionghainn ag ràdh gur e an aon rud a nì feum anns an ùine fhada, earrainnean drochaid a chur dhan chabhsair air an Fhadhal a Deas, gus a' mhuir a leigeil a-mach 's a-steach.
Às dèidh na stoirme mairbhtich san Fhaoilleach 2005 anns an do chaill còignear bhon aon teaghlach am beatha, thuirt aithisg gum bu chòir cothrom a bhith aig a' mhuir tighinn a-mach 's a-steach gun bhacadh eadar an dà eilean, ach gun cosgadh sin cus.
Tha a' Chomhairle ag ràdh gu bheil iad a' tomhais gun cosgadh drochaid thar an fhadhail grunnan mhilleanan notaichean.
Sgrùdadh
Tha Sgrudadh Hydrodynamic an Fhadhail a Deis, a rinneadh le eòlaichean aig Oilthigh Obar Dheathain, a-nis deiseil.
Gheibhear cuideachd e air làrach-lìn Coast Hebrides.
Thug sin sùil mhionaideach air a' bhuaidh air an sgìre a th' aig a' chabhsair, agus air crìonadh air Eilean a' Ghualainn an iar air an fhadhail.
Tha e ag ràdh gum biodh earrainn-drochaid co-dhiù cairteal de chileamatar de dh'fhaid anns a' chabhsair, le fosgladh sìos gu grunnd na mara, air faochadh bho thuil a thoirt do sgìre an Iochdair nam biodh e air a bhith ann aig àm an stoirme ann an 2005.
Tha an rannsachadh a' mineachadh diofar rudan eile a ghabhadh a dhèanamh airson an àite a dhìon, aig am biodh buaidh mhòr, ach nach cosgadh uidhir. Thathas a' co-dhùnadh gun cosgadh earrainn-drochaid tòrr, ach gum biodh buaidh mhòr aige - "High Cost, High Impact".
A' Chomhairle
Chaidh a ràdh an-uiridh nuair a thàinig an aithisg a-mach, 's a chuireadh air beulaibh na coimhearsnachd i aig coinneimh phoblaich, nach robh de dh'airgead aig a' Chomhairle airson a dhol air adhart le pìos drochaid a chur an sàs air a' chabhsair.
Thuirt labhraiche bhon Chomhairle ge-tà, gu bheil iad an lùib pròiseas airson airgead iarraidh air Riaghaltas na h-Alba airson nithean a bheir faochadh bho thuiltean.
Cha robh beachd deimhinnte ann ge-tà, air cuin a dheadh sin a dhèanamh.
Thuirt an Comh. MacFhionghain gur e fosglaidhean a chur anns a' chabhsair, an aon rud a nì feum dhan t-suidheachadh anns an ùine fhada, 's e a' comharrachadh cuideachd gum faodadh trioblaidean a bhith ann ri linn chabhsair Èirisgeigh aig deas.