Bliadhna airson croitean a chlàradh gu saor-thoileach
- Air fhoillseachadh
Tha bliadhna aig croitearan na h-Alba, bho an-diugh (Dihaoine 30mh), na croitean aca a chlàradh gu saor-thoileach.
Thuirt Coimisean na Croitearachd gum feum croitean a-nis a bhith air an clàradh ri linn Achd Ath-leasachaidh na Croitearachd.
Is coltach gun toir an clàr ùr cuideachadh do chroitearan le obair-riaghlaidh agus gun dearbh e le cinnt cho mòr 's a tha croitean, agus far a bheil an crìochan.
Bidh an clàr na chuideachadh don Choimisean cuideachd, a thaobh a bhith a' dèiligeadh ri croitearan nach eil ag obrachadh an cuid fearainn, no nach eil a' fuireach faisg air.
Pròiseas Co-obrachail
Chuir Riaghaltas na h-Alba £200,000 ris a' chlàr, a th' air a stiùireadh leis a' bhuidhinn Clàran na h-Alba.
"Tha seo a' cur gu mòr ris a' chroitearachd, agus bheir e cinnt laghail do dhaoine aig a bheil croitean, agus daoine aig a bheil earrainnean cùl cinn," thuirt Bean-Gairm a' Choimisein, Susan Walker.
"Dh'fhaodadh gun tig na h-uidhir de bhuannachdan às a' chlàradh coimhearsnachd seo. Bidh e gu feum a thaobh eas-aontaidhean mu chrìochan chroitean a rèiteachadh, a dh'fhaodadh èirigh tron phròiseas fhèin.
"A thuilleadh air sin 's e pròiseas co-obrachail a th' ann às an tig 's dòcha buannachdan nas fharsainne leithid clàradh maoine agus dealbhachadh baile.
"Tha Coimisean na Croitearachd a' cur fàilte air deagh rùn an Riaghaltais Albannaich don t-siostam chroitearachd a tha an Clàr Chroitean a' riochdachadh," thuirt i.
Thuirt Glèidheadair Chlàran na h-Alba, Sheenagh Adams:
"'S e Clàr nan Croitean an 17mh clàr poblach againn, agus tha sinn air a bhith fìor thoilichte a bhith ag obair gu dlùth leis an Riaghaltas Albannach agus Coimisean na Croitearachd gus seo a thoirt gu buil gu soirbheachail.
"Tha sinn a' dèanamh fiughair ri bhith a' faighinn iarrtasan airson croitean a chlàradh, a chuireas croitean air mapa soilleir airson a' chiad turais," thuirt i.