Cead do losgadair sgudail Inbhir Ghòrdain

Thug oifigear-dealbhachaidh aig Riaghaltas na h-Alba cead do phlanaichan connspaideach airson losgadair-sgudail a thogail ann an Inbhir Ghòrdain, air taobh sear Rois.

'S iad a' chompanaidh Combined Heat and Power a th' air cùlaibh a' phròiseict.

Chuir Comhairle na Gàidhealtachd an aghaidh an leasachaidh ann an 2009, agus dragh ann gun adhbharaicheadh e truailleadh, trioblaidean slàinte, agus cus trafaig air earrann den A9 a tha gu math trang mar thà.

Thug Riaghaltas na h-Alba cead do na planaichean, anns a bheil luach £43m, ann an 2010 ge-tà.

Ach, chuir na cùirtean stad air a' ghnothach às dèidh ath-thagraidh bho Mhohamed Al Fayed, aig a bheil oighreachd faisg air làimh, agus buidhnean coimhearsnachd.

Tha am Fear-aithris Dealbhachaidh aig Riaghaltas na h-Alba, Ridseard Dent, a-nis air taic a chur ris na planaichean.

Thuirt e, ged a bha dragh susbainnteach, farsainn agus onorach air an t-sluagh mu dheidhinn, cha robh sin na adhbhar a bhith a' diùltadh cead don sgeama.

Thuirt comhairliche ionadail, Maxine Nic a' Ghobhainn, gun robh co-dhùnadh an Riaghaltais "maslach."

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile