Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

30 An t-Samhain 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Leveson

Dh'innis Dàibhidh Camshron do Bhuill-Phàrlamaid gu bheil teagamhan mòra aige mu bhith a' cruthachadh laghan ùra airson barrachd chumhachd a thoirt don t-siostam riaghlaidh a thaobh nam meadhannan naidheachd. Tha a' chùis air sgaradh follaiseach fhàgail sa Cho-bhanntachd riaghlaidh, agus còmhraidhean a' dol mun ath-cheum. Thathas a' tuigsinn gum feuch an Riaghaltas ri dreach den Bhile ùr fhoillseachadh taobh a-staigh cola-deug.

Ann an Alba chaidh càineadh a dhèanamh air na pàrtaidhean dùbhlannach le Rùnaire Cultair na h-Alba às dèidh dhaibh a ràdh nach e Ailig Salmond an duine as fhreagarraiche airson crathadh a thoirt air na meadhannan ann an Alba, 's iad a-mach air a' chàirdeas eadar e fhèin agus a' bhuidheann News Corporation. Thuirt am Morair Leveson ge-tà, nach b'urrainn càineadh sam bith a dhèanamh air Mgr Salmond, 's thuirt Fiona Hyslop gun robh thìde ann aonta a ruighinn thar phàrtaidh air a' ghnothach.

Pailistìn

Tha na Stàitean Aonaichte agus Israel air càineadh a dhèanamh air Àrd-Sheanadh an UN airson inbhe faire a thoirt do Phailistìn. Thèid aig na Pailisinianaich a-nis a dhol an sàs ann am buidhnean an UN. Thuirt Ceann-suidhe nam Pailistinianach, Mahmoud Abbas, gu bheil an gluasad cudromach ann a bhith a' stèidheachadh làn-stàit Phailistinianaich.

Inbhir Ghòrdain

Chaidh cead a thoirt do phlanaichean connspaideach luach còrr is £43m airson losgadair sgudail ann an Inbhir Ghòrdain. Thug Riaghaltas na h-Alba cead dha na planaichean an toiseach ann an 2010, ach chuir na cùirtean stad air às dèidh ath-thagraidh bho mhuinntir an àite. Bha leithid Mohammed al Fayed, aig a bheil oighreachd faisg air làimh, a' togail dhraghan gun toireadh an truailleadh buaidh air slàinte mhuinntir an àite.

Clàr nan Croitean

Tha dòigh chlàraidh ùr airson talamh croitearachd air a dhol beò an-diugh. Bha na h-atharrachaidhean ceangailte ri laghan ùra a thàinig a-steach fo Achd Ath-leasachaidh na Croitearachd. Bidh bliadhna bho an-diugh aig croitearan gus an talamh aca a chlàradh gu saor-thoileach mus tèid e dhan lagh an ath-bhliadhna. Tha e coltach gun toir an clàr ùr cuideachadh do chroitearan le obair-riaghlaidh, agus gun cuir e às dha teagamhan dhaoine mu mheud chroitean.