Iasgairean draghail mu sgìrean MPA
- Air fhoillseachadh
Bhiodh buannachd mhòr ann do dh'Alba nam biodh lìonra de sgìrean dìon mara (MPA) timcheall air an dùthaich, a rèir co-bhanntachd de bhuidhnean glèidhteachais.
Tha Scottish Environment LINK ag ràdh gum biodh Alba £10bn na b' fheàrr dheth, 's gum biodh na sgìrean math do thurasachd agus dhan iasgach.
Tha dùil gum foillsich Riaghaltas na h-Alba molaidhean airson an leithid de lìonra, a tha an lùib aithisg a rinn a' bhuidheann, ro dheireadh na bliadhna.
Tha ochd buidhnean an lùib buidhne-gnìomha mara an Scottish Environment LINK.
'S iad sin: Urras Mhucan-mara 's Leumadairean Innse Gall, Comann a' Ghèidhteachais Mhara, Urras Nàiseanta na h-Alba, RSPB Alba, Cluba Eòin-amhairc na h-Alba, Urras Fiadh-bheatha na h-Alba, WWF Alba, agus Glèidhteachas Mhucan-mara 's Leumadairean.
Grunnd Fiadhaich
A thaobh an iasgaich dheth, tha a' bhuidheann a' moladh dìon a chur air àiteachan far am bi iasg ag àlachadh, agus stad a chur air iasgairean bho bhith a' sgrìobadh grunnd na mara.
Ach, tha Aonghas MacLeòid, a tha na iasgair am Barraigh, ag ràdh gur e cron a dhèanadh na sgìrean air an iasgach.
"Tha e doirbh a chreidsinn gun na figearan fhaicinn cò às a tha iad a' toirt nam figearan a tha sin," thuirt e.
"Agus cò air a tha e a' dol a bhualadh? Tha iad a' bruidhinn air turasachd eaconamaich - uell, chan eil sin ach airson 's dòcha còig mìosan den bhliadhna, agus am beagan a th' ann, chan fhaca sinn gun robh e a' toirt tòrr airgid a-steach.
"Tha iad dìreach a' slaodadh 's a' putadh nam figearan airson an rud a tha iad fhèin air a shon a dhèanamh nas coltaiche agus nas dòchaile a chur air beulaibh mhinistearan 's air beulaibh a' phobaill.
"Tha na h-iasgairean air sin fhaicinn o chionn 30 bliadhna co-dhiù sna h-Eileanan an Iar, mar a tha Loch a Tuath air a dhùnadh ùine mhòr, còrr is 20 bliadhna.
"Agus cha tàinig an grunnd air ais mar a bhathar an dòchas. 'S ann a thachair rud air an làimh eile, chaidh an grunnd fiadhaich.
"Chan urrainn do dh'iasgairean leum o ghrunnd gu grunnd, tarsainn air na h-àiteachan a tha seo gun cosgais mhòr a bhith orra.
"Fàsaidh na h-iasgairean 's na criuthannan searbh, le bhith a' call airgid, agus nach eil iad a' bruidhinn ris na h-iasgairean 's nach eil iad a' dèanamh phlanaichean ceart.
"'S iad na buidhnean uaine, mar a chanadh iad, 's iad a tha a' putadh a' ghnothaich a tha sin.
"Aig an ìre seo chan eil guth sam bith aig muinntir nan Eilean, na coimhearsnachdan no na cosnaidhean a tha timcheall air an-dràsta agus na daoine a tha a' dèanamh beò-shlaint' a-mach às na làraichean a tha iad a' bruidhinn mu dheidhinn," thuirt e.