Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

3 An Dùbhlachd 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Cìsean

Tha comataidh Phàrlamaideach ann an Westminster ag iarraidh air an Riaghaltas a bhith nas cruaidhe air companaidhean mòran a tha a' seachnadh chìsean. Tha Comataidh nan Cunntasan Poblach ag ràdh nach eil buidhnean mar Starbucks, Google agus Amazon a' briseadh an lagha, ach a' gabhail brath air an t-siostam. Innsidh an Riaghaltas an-diugh gu bheil iad a' toirt còrr is £150m do Roinn na Cìse agus Cuspainn airson dèiligeadh ri buidhnean a tha a' seachnadh chìsean.

Teine aig Stèisean Smàlaidh

Tha còrr is 40 de luchd-smàlaidh air a bhith a' strì ri teine aig stèisean smàlaidh ann am Bearuig a Tuath. Chaidh luchd-smàlaidh a ghairm bho air feadh thaobh sear Labhdainn, agus Dùn Èideann tràth sa mhadainn an-diugh. Chaidh an togalach a dhroch mhilleadh, ach thuirt fear-labhairt dhan t-seirbheis nach toir seo buaidh air ìre na seirbheis anns an sgìre idir.

A' Bhruach an Iar

Thàinig dearbhadh bho Oifis na Dùthcha gun deach Tosgaire Israel ann an Lunnainn iarraidh gu coinneimh an dèidh do Riaghaltas Isreal innse gu bheil iad am beachd 3,000 dachaigh ùr do dh'Iùdhaich a thogail air taobh sear Ierusaleim agus air a' Bhruaich an Iar. Bha Riaghaltas Bhreatainn am measg na thug rabhadh do dh'Israel nach cuidicheadh sin air dhòigh sam bith leis an eas-aonta eadar iad fhèin agus na Pailistinianaich. Dh'iarr Riaghaltas na Frainge cuideachd coinneamh le riochdaire Israel ann am Paris.

Sgìrean Glèidhte Mara

Dh'fhaodadh buannachd cho mòr ri £10bn tighinn do dh'eaconamaidh na h-Alba bho sgìrean glèidhte mara a rèir aithisg bhon Scottish Environment LINK anns a bheil buidhnean leithid WWF Alba agus Comann Dìon an Eunlaith an Alba an sàs. Ach tha iasgairean ag ràdh nach dèan sgìrean glèidhte ach cron air an iasgach.

Uard Ospadail

Tha Comhairle nan Eilean Siar a' beachdachadh air uard a ghabhail aig Ospadal nan Eilean airson cùraim do dhaoine aig a bheil feumalachdan sònraichte ach nach eil feumach air làn-chùram ospadail. Tha dragh air a' Chomhairle gu bheil daoine ro thric gan leigeil a-mach às an ospadal, ach iad an uair sin a' tilleadh ann gu math luath an dèidh sin seach nach eil cùram freagarrach air dòigh dhaibh aig an dachaigh.