Cill Mheàrnaig do ICT no County

Ross County is ICT. Image copyright SNS
Image caption Cluicheadairean ICT air an dòigh - is feadhainn Chounty troimhe-chèile - aig deireadh a' gheama ann an Inbhir Pheofharain.

Bidh as bith cò nì a' chùis eadar Caley Thistle is Ross County, air falbh an aghaidh Chille Mheàrnaig san ath-chuairt de Chupa na h-Alba.

Cluichidh na sgiobaidhean Gàidhealach a-rithist ann an Inbhir Nis Dimàirt an 11mh den mhìos às dèidh dhaibh crìochnachadh 3-3 ann an geama iongantach ann an Inbhir Pheofharain.

'S e Billy MacAoidh bho ICT a fhuair an aon tadhal ann an ciad leth a bha truagh ach abair gun tàinig piseach air cùisean às dèidh leathach ùine.

Chuir Rocco Quinn tadhal àlainn son County mus deach ICT air ais air thoiseach le tadhal fortanach, am ball a' dol dhan lìon far smigead Richie Foran is coltas gun robh e dheth aig an àm.

'S iad County fhèin a bha fortanach às dèidh sin - Iain Vigurs gan toirt co-ionnan agus an oidhirp aigesan a' bualadh air cluicheadar ICT agus a' dol seachad air Antonio Reguero ann an tadhal Inbhir Nis.

Co-ionnan

Bha na sgiobaidhean co-ionnan aig 2-2 a' dol a-steach gu ùine a chuir an rèitire ris a' gheama ach cha robh an gnothach seachad.

An toiseach chuir Ridseard Britainn County air thoiseach 3-2 le breab-saor agus a h-uile duine den bheachd gur iad balaich Inbhir Pheofharain a bha a' dol troimhe.

Bha ùine aig Caley aon oidhirp eile a dhèanamh ge-tà, - agus le dìogan air fhàgail chaidh aig Philip Roberts air a' bhall a bhualadh dhan lìon.

Tha ticeadan rim faighinn a-nise son a' gheama ann an Inbhir Nis aig £15, £10 is £5.

'S e dùbhlan a bhios ann dhan sgioba a thèid troimhe air a' cheann thall, sgioba SPL eile air falbh bhon taigh.

Chaidh Cille Mheàrnaig troimhe 2-1 an aghaidh Queen of the South.

Taghadh

Tha an taghadh son na h-ath-chuairt mar a leanas:

Raith Rovers - Celtic / Obar Bhrothaig

St Mirren - Cowdenbeath / St Johnstone

Dùn Phàrlainn - Dùn Breatann / Hamaltan

Hibernian - Obar Dheathain / Tobar na Màthar

An Eaglais Bhreac - Forfar

Dundee United - Rangers

Dùn Dè - Turiff United / Morton

Cill Mheàrnaig - Ross County / Caledonian Thistle

Bidh na geamaichean ann air an deireadh-sheachdain 2na den Ghearran.