Rannsachadh air iarrtas aiseig

  • Air fhoillseachadh
MalaigTùs an deilbh, Undiscovered Scotland
Fo-thiotal an deilbh,
B'àbhaist gun robh bàt-aiseig a' falbh eadar Loch Baghasdail agus Malaig.

Tha dà bhuidhinn iomairt ann an Uibhist air companaidh neo-eisimeileach fhastadh airson rannsachadh na tha de dh'iarrtas airson seirbheis aiseig a stèidheachadh eadar Loch Baghasdal agus Malaig a rannsachadh.

Tha dòchas ann gun tèid seo a bhiadhadh a-steach gu ath-sgrùdadh an Riaghaltais air seirbheisean aiseig na h-Alba.

Tha iomairt air a bhith a' leantainn grunn bhliadhnaichean ann an Uibhist airson ceangail aiseig fhaighinn ri Malaig, seach an t-Òban.

Chaidh taic a nochdadh roimhe airson na seirbheis ann an sgire Mhòrair agus eadar sin chun a' Ghearasdain, leis gun toireadh i piseach air eaconamaidh na sgìre.