Dragh mu shailleadh ann an Uibhist
- Air fhoillseachadh

Tha ceist mu choinneamh mar a tha a' Chomhairle a' comharrachadh rathaidean airson saillidh.
Tha dragh ann an Uibhist mu phoileasaidh Comhairle nan Eilean Siar diofar ìrean de phrìomhachais a bhith aca a thaobh rathaidean a shailleadh.
Chaidh càraichean far an rathaid ann an cuid de sgìrean ann an Uibhist Diluain, leis nach ann fon chiad ìre phrìomhachais a tha na rathaidean sin, agus gun robh iad sleamhainn.
Chaidh aontachadh an-uiridh gum biodh cuid de rathaidean a' faighinn prìomhachais nuair a bhios sneachda agus reothadh ann, ach tha cuid a' ceasnachadh am bu chòir sùil eile thoirt air a sin.
Nochd dragh air an t-seachdain seo chaidh nach eil a' chiad ìre de phrìomhachas ga toirt don phrìomh rathad air taobh siar Leòdhais gu lèir nas motha, eadar Calanais agus Nis.
Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh