Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

5 An Dùbhlachd 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Cunntas an Fhoghair

Thuirt Dàibhidh Camshron gun seall cunntas an t-Seansalair feasgar an-diugh gu bheil Breatainn air an t-slighe cheart agus a' dèanamh adhartais. Tha an Seansalair, Seòras Osborne, air a bhith ag innse dhan Chaibineat mu na planaichean aige, agus tha dùil gun can e feasgar gum mair gearraidhean agus cùmhnadh airson sia bliadhna eile.

Na Filipìonan

Thuirt oifigich sna Filipìonan, gun deach còrr is 200 duine a mharbhadh ann an stoirm mhòir typhoon. Tha na ceudan eile a dhìth. Dh'fhàg an stoirm tuiltean mòra, agus chaidh taighean a thiodhlacadh fo uisge agus poll.

Childline

Thuirt a' bhuidheann Childline an Alba gun tàinig àrdachadh 2/3 an taobh a-staigh bliadhna air an àireamh oigridh a chuir fios orra mu bhith a' dèanamh cron orra fhèin. Thug luchd-obrach saor-thoileach aig ionadan a' charthannais ann an Glaschu 's Obar Dheathain comhairle air còrr is 2,000 òigridh thairis air a' bhliadhna mu dheireadh.

Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis

Coinnichidh pàrantan Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis a-nochd a bhruidhinn air suidheachadh na sgoile, a tha gun cheannard, agus e air faileachadh air Comhairle na Gàidhealtachd ceannard le Gàidhlig fhastadh. Dh'fhàg an ceannard eadar-amail a bh' ann, aig nach eil Gàidhlig, seach nach d'fhuair i an obair làn-ùine.

Noro-bhìoras

Chaidh uàrd a dhùnadh aig Ospadal an Ràthaig Mhòir ann an Inbhir Nis, agus an tinneas noro-bhìoras air tighinn am follais a-rithist dìreach beagan sheachdainnean an dèidh do uàrd eile a bhith dùinte leis. Tha e coltach gu bheil an tinneas cuideachd a-muigh sa choimhearsnachd.

Pòsaidhean Gèidh

Tha an Eaglais Shaor Chlèireach a' beachdachadh air a dhol gu lagh airson stad a chur air bile Riaghaltas na h-Alba a bheireadh cead poileasaidh do dhaoine gèidh. Tha an eaglais ag ràdh nach eil na planaichean sìobhalta, nàdarra no laghail. Tha dragh orra gur dòcha gun tèid sparadh air ministearan pòsaidhean gèidh a dhèanamh, ged a tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh nach tachair sin.