Deuchainnean cumhachd ann an Ciseòrn

Published
image copyrightOther
image captionTha an uisge a tha ri taobh a' chidhe aig a' ghàradh gu math domhainn.

Thèid pàirt de seann ghàradh ola Chiseòirn, air taobh siar Rois, a chleachdadh airson deuchainnean air inneal ùr cumhachd nan tonn.

Thèid pìos den làraich a thoirt air màl fad bliadhna do chompanaidh chumhachd Trident.

Thuirt a' chompanaidh gun robh cidhe susbainteach ann an uisge domhainn a bhiodh math airson na deuchainean a dhèanamh.

'S ann air an inneal Powerepod a thèid na deuchainnean a dhèanamh, 's e ga cheangal ri taobh a' chidhe.

Tha an làrach fosgailte gu tuinn mheadhanach nach eil cho buileach fiadhaich ris na tuinn anns a' Chuan Shiar.

Ach tha iad làidir gu leòr airson deuchainnean a dhèanamh às aonais nan cosgaisean an lùib leasachaidhean pìos far a' chosta.

Tha dùil gun tòisich an gabhaltas air an làraich as t-Earrach an ath bhliadhna, 's e a' maireachdainn aon bhliadhna.

Tha sin a' crochadh air cead mara sònraichte.

Chuir ard oifigear Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean (HIE), Ailig MacPhàdraig, fàilte air an naidheachd, 's e ag ràdh gu bheil i na deagh chomharra air na ghabhadh dèanamh aig a' phort.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh