Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

6 An Dùbhlachd 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Alba san Aonadh Eòrpach

Thuirt oifigich an Aonaidh Eòrpaich gu bheil litir deiseil aca a tha a' freagairt ceist bho Thaigh nam Morairean mu bhallrachd Alba neo-eisimeilich san Aonadh, ach nach deach an litir a chur a-mach fhathast. Thuirt na h-oifigich gur e seasamh an EU gum feumadh Alba neo-eisimeileach ballrachd iarraidh anns an Aonadh. Thuirt Rùnaire Ionmhais na h-Alba, Iain Swinney, an-diugh nach eil teagamh ann mu àite do dh'Alba san EU, ach gum feum còmhraidhean a bhith ann mun chùis.

Virgin Rail

Leanaidh Virgin Rail a' ruith sheirbheisean rèile air loidhne a' chosta an iar airson faisg air dà bhliadhna eile gus an tèid cùmhnant ùr ullachadh airson tairgse. Agus tha aithisg an-diugh a' càineadh Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte mun dòigh san do thuit a' chiad chùmhnant, dhan bhuidhinn First Group, às a chèile.

Bàta-bathair air a dhol fodha

Tha sgiobannan teasairginn air muir agus san adhair a' coimhead airson seachdnar a tha fhathast a dhìth an dèidh do bhàta-bathair a dhol fodha an dèidh bualadh ann an soitheach eile far chladach na h-Òlaind an-raoir. Chaidh ceathrar a bhàthadh.

Tornado New Zealand

Chaidh triùir a mharbhadh agus na h-uidhir eile a ghoirteachadh nuair a bhuail tornado air Aukland ann an New Zealand. Thàinig air na ceudan dhaoine teicheadh às na dachannan. Seo an tornado as miosa a bh' ann an New Zealand bho chionn còrr is 60 bliadhna.

Factaraidh Mhaoraich

Tha 27 cosnadh ann an cunnart aig factaraidh mhaoraich ann an Loch Abar, agus a' chompanaidh Associated Seafoods airson an obair a ghluasad às a' Chorpaich gu Bucaidh ann am Moireibh. Tha a' chompanaidh ag ràdh nach eil roghainn aca san t-suidheachadh eaconamach a th' ann. Thòisich conaltradh ri luchd-obrach aig Glenisla Shellfish, agus tha coltas ann gum faodadh an fhactaraidh anns a' Chorpaich dùnadh tràth sa bhliadhna ùir.

Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis

Dh'aontaich coinneamh phàrantan Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis an-raoir gum bi co-chomhairleachadh am measg phàrantan mun dòigh as fheàrr air ceannard-sgoile ùr fhastadh. Choinnich pàrantan, tidsearan agus riochdairean comhairle a bhruidhinn air suidheachadh na sgoile, a tha gun cheannard agus e a' fàileachadh air ùghdarras an fhoghlaim ceannard le Gàidhlig fhastadh. Dh'fhàg an ceannard eadar-amail a bh' ann, aig nach eil Gàidhlig, seach nach d'fhuair i an obair làn-ùine.