Foill phuist ann an Giogha
- Published
Chaidh an tè a b'àbhaist a bhith a' ruith oifis a' phuist ann an Giogha a chur don phrìosan fad bliadhna.
Dh'aidich Aleid Kloosterhuis, a tha 54, a bhuinneas don Òlainnd, gun do ghoid i £20,000 bhon ghnìomhachas.
Ghluais i chun an eilein le a teaghlach ann an 2010 gus oifis a' phuist agus bùth an eilein a ghabhail thairis.
Thàinig a' mhèirle, a thachair thairis air mu bhliadhna gu leth, am bàrr nuair a rinn luchd-sgrùdaidh Oifis a' Phuist rannsachadh air an oifis gun rabhadh.
Dh'aidich Kloosterhuis, nach robh air a dìteadh roimhe, a ciont aig Cùirt an t-Siorraidh ann an Ceann Loch Chille Chiarain Diciadain, agus chuir an Siorram, Rùt NicAnndrais, don phrìosan i fad bliadhna.